FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Medb Medb

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mun

Audio is playing in pop-over.

Medb

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mun t-seann sgeulachd Táin Bó Cuailnge. Bha arm Chonnacht agus arm Uladh an aghaidh a chèile. Bha Banrigh Chonnacht – Medb – ag iarraidh tarbh donn. Bha an tarbh donn aig na h-Ultaich. Rinn Cuchulainn an gnothach air a h-uile gaisgeach aig arm Chonnacht. Ach nochd a bhràthair dalta, Ferdiad, na aghaidh. Cha robh Cuchulainn ag iarraidh sabaid leis.

Ach cha robh dol-às ann. Airson trì latha bha Cuchulainn is Ferdiad a’ sabaid le chèile. Cha robh duine dhiubh a’ buannachadh. Ghabh Cuchulainn an cuthach. Thilg e an sleagh aige. Bha an sleagh os-nàdarrach. Fhuair Ferdiad bàs. Bha an tàmailt air Cuchulainn. Dh’fhàg e am blàr.

Dh’fhalbh arm Medb. Bha an tarbh donn aca. Bha iad a’ dol a Chonnacht leis an tarbh dhonn. Ach thàinig saighdearan Uladh às an dèidh. Bha batail ann. Rinn na h-Ultaich a’ chùis. Thug arm Uladh an tarbh donn dhachaigh leotha.

Air an rathad dhachaigh thachair an tarbh donn ris an tarbh mhath aig Ailill, Rìgh Chonnacht (an duine aig Medb). Thug am fear donn ionnsaigh air an fhear eile. Fad latha is oidhche bha iad a’ sabaid. Bhuannaich am fear donn.

Thachair a h-uile càil a tha sin ann an Èirinn. Ach tha àite aig Alba anns a’ ghnothach. Oir thathar ag ràdh gun do dh’ionnsaich Cuchulainn na sgilean aige anns an Eilean Sgitheanach. Bha sin fo stiùir na banrigh ainmeil, Sgàthach.

Tha feadhainn a tha measail air camanachd – spòrs traidiseanta nan Gàidheal – ag innse an stòiridh a leanas: O chionn fhada, thàinig gaisgeach Èireannach a dh’Alba. Le trì ceumannan mòra, thàinig e don Eilean Sgitheanach. Fhuair e foghlam aig a' Bhanrigh Sgàthach. Bha e ag ionnsachadh mu armachd is gaol. Mar thiodhlac, thug e an gèam – camanachd – do mhuinntir na h-Alba. Cò bha ann? Uill, chanainn gu bheil e gu math coltach ri Cuchulainn.

An Litir Bheag 121 An Litir Bheag 121 An Litir Bheag 123 An Litir Bheag 123

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!