FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Duanaire na Sracaire Duanaire na Sracaire

Tha seanfhacal Gàidhlig ann: Is math an còcaire an t-acras.

Audio is playing in pop-over.

Duanaire na Sracaire

Tha seanfhacal Gàidhlig ann: Is math an còcaire an t-acras. Hunger is a Good Cook. Is math an còcaire an t-acras. Ma tha an t-acras ort, bidh blas math air biadh sam bith. A bheil sibh fhèin ag aontachadh ri sin? An e còcaire math a tha annaibh fhèin? Uill, ’s e – nuair a bhios an t-acras gur cuideachadh!

Bha mi a’ leughadh leabhar ùr an latha eile. ’S e leabhar bàrdachd a tha ann. Tha seann bhàrdachd ann. Bàrdachd Ghàidhlig a tha a’ dol air ais ceudan bhliadhnaichean. ’S e an t-ainm a tha air an leabhar Duanaire na Sracaire. ’S iad Wilson MacLeòid agus Meg Bateman na deasaichean. Rinn iad obair fìor mhath.

Am measg nan dàn tha fear ann air a bheil ’S Math an Còcaire an t-Acras. Nise, tha ceist agam. Dè thàinig an toiseach – an seanfhacal no an dàn? Chan eil mi cinnteach. ’S dòcha an seanfhacal.

Co-dhiù, tha fios againn cò am fear a rinn an dàn. B’ esan Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr. Agus rinn e e anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431). Ciamar a tha fios againn? Uill, rinn e e às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh anns a’ bhliadhna sin. Bha e air an taobh a chaill. Bha e a’ teicheadh bhon bhlàr. Cha robh biadh aige airson greis. Bha an t-acras air.

Chan eil ann ach dà rainn san dàn. Seo agaibh a’ chiad rann.

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Tha an dàrna loidhne a’ ciallachadh woe to him who disdains food. ’S e fuarag eòrna “barley brose” – min eòrna agus uisge fuar. Seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Tha barrachd agam ri innse dhut mun dàn ach nì mi sin an ath sheachdain. Mar sin leibh.

An Litir Bheag 122 An Litir Bheag 122 An Litir Bheag 124 An Litir Bheag 124

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!