An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ toirt nàdar de gheàrr-chunntas dhuibh air an t-seann sgeulachd Táin Bó Cuailnge. Bha arm Chonnacht agus arm
Uladh an aghaidh a chèile, oir bha Banrigh Chonnacht – Medb – ag iarraidh an tairbh dhuinn a bh’ aig na h-Ultaich. Rinn an sàr-Ultach,
Cuchulainn, ge-tà, an gnothach air a h-uile gaisgeach aig arm Chonnacht a chaidh a chur na aghaidh. An uair sin nochd a bhràthair dalta, Ferdiad, na
aghaidh. Bha iad dlùth ri chèile. Cha robh Cuchulainn ag iarraidh sabaid na aghaidh idir.
Ach cha robh dol-às ann don dithis. Airson trì latha bha Cuchulainn is Ferdiad a’ sabaid le chèile aig ath ann an abhainn. Bha iad an ìre mhath co-ionann
ann an comas sabaid. Cha robh fear seach fear dhiubh a’ faighinn làmh-an-uachdair. Aig a’ cheann thall ghabh Cuchulainn an cuthach. Sin nuair a bhiodh e
fìor chunnartach. Chleachd e am ball-airm sònraichte aige – sleagh aig an robh comasan os-nàdarrach. Thilg e an sleagh ann am Ferdiad agus cha do mhair
Ferdiad fada às dèidh sin. Ghiùlain Cuchulainn corp a charaid gu bruach na h-aibhne. Bha an tàmailt air. Dh’fhàg e am blàr.
Dh’fhalbh arm Medb. Bha iad a’ connsachadh am measg a chèile. Cha robh cùisean rèidh eatarra. Ach bha an tarbh donn aca. Bha iad a’ dèanamh air Connacht
leis an tarbh dhonn. Ach cha robh an cogadh seachad. Thàinig saighdearan Uladh còmhla a-rithist. Chaidh iad an tòir air an nàimhdean. Bha batail ann. Anns
a’ bhatail rinn na h-Ultaich a’ chùis air na Connachtaich. Leig Cuchulainn le Medb falbh le a beatha ach thug arm Uladh an tarbh donn dhachaigh leotha.
Air an rathad dhachaigh, ge-tà, thachair an tarbh donn ri Finnbhennach, an tarbh fionn-adharcach aig Ailill (rìgh Chonnacht). Thug am fear donn ionnsaigh
air an fhear eile. Fad latha is oidhche bha iad a’ sabaid le chèile. Ach air madainn an làrna-mhàireach bha Finnbhennach marbh, agus bha buaidh nan Ultach
air a coileanadh.
Ged a thachair a h-uile càil a tha sin ann an Èirinn, tha àite aig Alba anns a’ ghnothach cuideachd. Oir thathar ag ràdh gun do dh’ionnsaich Cuchulainn na
sgilean gaisgeachd aige anns an Eilean Sgitheanach fo stiùir na banrigh ainmeil, Sgàthach. Agus sin far an do dh’ionnsaich e mar a chleachdadh e an sleagh
os-nàdarrach aige. Mura b’ e sin, cò aige tha fios dè bh’ air tachairt do dh’Ulaidh nuair a chaidh arm Chonnacht ann.
Agus naidheachd bheag eile mu Chuchulainn agus Alba. Bidh an fheadhainn a tha measail air iomain – spòrs traidiseanta nan Gàidheal – ag ràdh seo mu a
deidhinn: O chionn fhad an t-saoghail, thàinig gaisgeach à Èirinn a dh’Alba. Le trì ceumannan mòra, thàinig e na chruinn-leum bho
fhaicheannan na h-Èireann chun an Eilein Sgitheanaich. Crochte ri gach sliasaid aige, bha ochdad duine. Bha ochdad eile air gach gàirdean. Bha naoinear
eile na fhalt. Thàinig e a dh'Alba a dh’fhaighinn foghlam còmhla ris a' Bhanrigh Sgàthach. Bha e ag ionnsachadh mu armachd is gaol. ’S e a dh’ionnsaich gu
math – agus ged nach eil e air ainmeachadh anns a’ bheul-aithris, tha fhios gur e Cuchulainn a bh’ ann.
Mar thiodhlac, thug e an gèam – camanachd – do mhuinntir na h-Alba. ’S iomadh tiodhlac na bu mhiosa na sin a chaidh a thoirt seachad.