Tha Cuchulainn a’ nochdadh anns an sgeulachd ainmeil, Táin Bó Cuailnge. Tha an sgeulachd uabhasach sean. Táin Bó Cuailnge. The Cattle Raid of Cooley. Tha e a’ tachairt ann an Èirinn. Ach thachair rudeigin ann an Alba a tha cudromach don stòiridh.
Tha e a’ tòiseachadh le rìgh is banrigh Chonnacht, ann an taobh an iar na h-Èireann. B’ iadsan an rìgh, Ailill agus a’ bhanrigh, Medb. Bha tarbh uabhasach
math aig Ailill. Tarbh le adharcan bàna. Cha robh tarbh math aig Medb. Bha ise ag iarraidh tarbh math dhi fhèin.
Chuala i gun robh tarbh math – fear donn – ann an Cuailnge, ann an Ulaidh. ’S ann le fear Daire MacFiachna a bha an tarbh donn. Bha Medb ga iarraidh air
mhàl. Ach chaidh cùisean ceàrr eadar Medb is Daire. Cha robh Daire deònach an tarbh a thoirt seachad. Chaidh teachdairean na banrigh air ais dhachaigh a
Chonnacht. Cha robh an tarbh aca.
Bha Medb fiadhaich. Bha i a’ dol a ghoid an tairbh. Chuir i arm ri chèile. Fhuair i taic bho ghaisgich gu leòr. Bha arm mòr aice. Thòisich an t-arm air an
t-slighe a dh’Ulaidh. Air an rathad, nochd bana-bhuidseach. Thuirt i ri Medb gun a dhol air adhart leis a’ chogadh. Ach cha do dh’èist Medb rithe.
An toiseach bha cùisean a’ coimhead fàbharach do dh’arm Chonnacht. Bha fir Uladh uile tinn. Bha, co-dhiù, ach aon duine – Cuchulainn. Aig an àm bha
Cuchulainn dìreach seachd bliadhn’ deug a dh’aois. Agus bha aige ri Ulaidh a dhìon leis fhèin. Ach bha e gu math gaisgeil. Mharbh e mòran saighdearan.
Mu dheireadh bha cùmhnant ann eadar an dà thaobh. Dh’aontaich Cuchulainn sabaid na aonar an aghaidh gaisgeach sam bith. Fear às dèidh fear, latha às dèidh
latha, bha gaisgeach a’ sabaid an aghaidh Chuchulainn. Ach rinn Cuchulainn a’ chùis air gach duine aca.
Latha a bha seo, ge-tà, cò an gaisgeach a bha na aghaidh ach a bhràthair dalta, Ferdiad. ’S e droch naidheachd a bha sin do Chuchulainn. Chì sinn dè
thachair an ath-sheachdain.