Bha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair gu math ainmeil. Tha e ainmeil fhathast. ’S e bàrd a bh’ ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.
Bha bràthair aige – Aonghas. Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair. Bha esan rud beag ainmeil cuideachd. Ach chan eil e cho ainmeil an-diugh ri Alasdair. Bha e
ainmeil oir bha e uabhasach làidir, ged a bha e gu math beag.
Latha a bha seo, bha Aonghas air bruach Abhainn Lòchaidh. Bha tòrr uisge anns an abhainn. Bha Aonghas aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null. Bha
e a’ toirt a bhrògan is stocainnean dheth. Nochd fear eile – Colla Bàn, fear Dòmhnallach à Bàrrasdal ann an Cnòideart. ’S e fear mòr àrd a bh’ ann.
Thuirt Colla ri Aonghas, “Fhir big, thig còmhla riumsa. Cùm air mo chùlaibh. Brisidh mise neart an t-sruth. Nì sin an gnothach nas fhasa dhut.”
Nuair a bha iad ann am meadhan na h-aibhne, bha an sruth làidir. Bh e ro làidir do Cholla. Bha an t-eagal air. Bha e ann an cunnart a dhol fodha. Ach
chaidh Aonghas air thoiseach air. Tharraing Aonghas Colla don taobh thall.
Thuirt Aonghas ri Colla, “Thug thu ‘fear beag’ orm air taobh thall na h-aibhne. Cò am ‘fear beag’ a-nise? Gabh mo chomhairle. Na toir ‘beag’ air duine gus
am bi e dearbhte agad [gu bheil e ‘beag’]. Tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas.” ’S e deagh chomhairle a th’ ann, nach e, eadhon an-diugh?
Tha feadhainn fhathast a’ cuimhneachadh Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair. Ach tha cuimhne fada nas fheàrr aig daoine air a bhràthair, Alasdair. ’S e sin
cumhachd na bàrdachd.
Bha Alasdair na dheagh charaid do ar cànan. Ann am Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig, sgrìobh e:
’S i labhair Goill is Gàidheil,
Neo-chlèirich is clèir,
Gach fear agus bean
A ghluaiseadh teanga am beul.
’S i a labhair Adhamh
Ann a Phàrras fhèin
’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig
O bheul àlainn Eubh.
Bheir sinn sùil a bharrachd air bàrdachd Alasdair an ath-sheachdain.