FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (2) Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (2)

’S i as fheàrr gu comhairl’ ’S gu gnothach chur

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (2)

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

Sin pàirt de dhàn aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S e bàrd ainmeil a bha ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug. ’S e an t-ainm a tha air an dàn Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig. Nochd e an toiseach ann an seachd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1751).

An robh am bàrd dha-rìribh mu na sgrìobh e? An robh e dha-rìribh dhen bheachd gun robh a’ Ghàidhlig na b’ fheàrr na cànan sam bith eile anns an Roinn Eòrpa airson comhairle (agus rudan eile)? Uill, ’s dòcha nach robh. ’S dòcha gun robh e ri beagan fealla-dhà. Seo an earrann a-rithist:

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

’S dòcha gun robh e fhèin a’ bòstadh mun Ghàidhlig!

Tha an samhradh ann an-dràsta. ’S e an samhradh seusan nam flùraichean. Bha mi a’ leughadh dàn eile aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair o chionn ghoirid. ’S e sin Òran an t-Samhraidh.

Anns an dàn tha am bàrd ag ainmeachadh lusan Albannach. Seo iad: creamh, sòbhrach, ròs, neòinean, fraoch, biadh-eunain agus feada-coille. A bheil sibh ag aithneachadh nan lusan sin?

Seo a-rithist iad, leis na h-ainmean Beurla cuideachd: creamh, no wild garlic, sòbhrach, no primrose, ròs, rose, neòinean,daisy, fraoch, heather, biadh-eunain, wood sorrel, agus feada-coille. Nise, tha mi a’ dèanamh dheth gur e feada-coille am wood sorrel cuideachd – Oxalis acetosella. Carson a thagh Mac Mhaighstir Alasdair dà ainm airson an aon luis? Uill, ’s dòcha gun robh an dà ainm a’ ciallachadh dà lus eadar-dhealaichte dha. Chan eil fhios agam.

Bha aon lus eile ann an Òran an t-Samhraidh – crios Chuchulainn. Crios Chuchulainn. Ann am Beurla ’s e an t-ainm a tha air an lus seo meadowsweet. Ach tha an t-ainm Gàidhlig eadhon nas fheàrr na sin! A bheil sibh eòlach air Cuchulainn? Chan eil? Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir!

An Litir Bheag 118 An Litir Bheag 118 An Litir Bheag 120 An Litir Bheag 120

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!