’S i labhair Goill is Gàidheil,
Neo-chlèirich agus clèir,
Gach fear agus bean
A ghluaiseadh teanga am beul.
’S i a labhair Adhamh
Ann a Phàrras fhèin
’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig
O bheul àlainn Eubh.
A bheil sibh ag aithneachadh sin? Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn nas fhaide dhen Litir.
Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S e bàrd ainmeil a bh’ ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.
Ach an cuala sibh mu a bhràthair, Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair? Bha esan ainmeil cuideachd ach chan ann airson a chuid bàrdachd. Bha e ainmeil air sgàth
’s cho làidir ’s a bha e, ged a bha e gu math beag.
Ann an “Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach” tha an t-ùghdar Iain MacCoinnich ag innse stòiridh mu Aonghas. Bha e na bu shine na Alasdair, na bu lugha ach na bu
làidire. Latha a bha seo, bha e air bruach Abhainn Lòchaidh ann an Loch Abar. Bha e aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null. Bha e a’ toirt a
bhrògan is stocainnean dheth. Nochd fear eile – Colla Bàn, fear Dòmhnallach à Bàrrasdal ann an Cnòideart. ’S e fear mòr àrd a bh’ ann.
Bha tòrr uisge anns an abhainn agus thuirt Colla ri Aonghas, “Fhir bhig, cùm ort do bhrògan ’s do stocainnean oir leigidh iad leat
coiseachd na b’ fheàrr tron uisge. Thig còmhla riumsa agus cùm air mo chùlaibh. Brisidh mise neart an t-sruth agus nì sin an gnothach nas fhasa dhut.”
Thug Aonghas taing dha. Ach nuair a bha iad ann am meadhan na h-aibhne far an robh an sruth làidir, fhuair Colla e fhèin ann an cunnart a dhol fodha. Bha e
airson tilleadh. Ach chaidh Aonghas air thoiseach air agus, leis cho neartmhor ’s a bha e, tharraing e Colla don taobh thall.
An uair sin thuirt Aonghas ri Colla, “Thug thu ‘fear beag’ orm air taobh thall na h-aibhne. Cò as coltaiche air an toirte ‘fear beag’ air
an taobh sa? Gabh mo chomhairle. Na toir ‘beag’ air duine gus am bi e dearbhte agad [gu bheil e ‘beag’] agus tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a
choltas. Cuimhnich, cuideachd, mòr ’s ged a tha thu, mura b’ e duine na bu mhotha na thusa gur dòcha gum biodh tu mar fheòil do na h-easgannan ann an
Abhainn Lòchaidh.” Cò chanadh nach eil a’ chomhairle aige cho iomchaidh anns an aonamh linn fichead ’s a bha i ann am meadhan an ochdamh linn deug?
Ged a tha feadhainn an siud ’s an seo a’ cuimhneachadh Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair – is tha mi air beul-aithris a chluinntinn mu dheidhinn, an dà chuid
air tìr-mòr agus ann an Uibhist – tha cuimhne fada nas fheàrr aig a’ mhòr-shluagh air a bhràthair, Alasdair. ’S e sin cumhachd na bàrdachd.
Bha Alasdair na dheagh charaid do ar cànan. Gu dearbh, ann am Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig, sgrìobh e:
’S i labhair Goill is Gàidheil,
Neo-chlèirich agus clèir,
Gach fear agus bean
A ghluaiseadh teanga am beul.
’S i a labhair Adhamh
Ann a Phàrras fhèin
’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig
O bheul àlainn Eubh.
Tha a’ Ghàidhlig ann am meadhan sruth làidir na h-eachdraidh an-dràsta agus tha sinn feumach air daoine a chuireas an cuid neirt an sàs airson taic a
thoirt dhi an taobh thall a ruigsinn. Mar a bha Aonghas do Cholla, ’s dòcha gu bheil Alasdair don chànan againn. Tha neart a’ bhàird a’ leantainn fada às
dèidh a bhàis.