FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Isle of Man (2) Eilean Mhanainn (2)

Chan eil Eilean Mhanainn mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha

Audio is playing in pop-over.

Eilean Mhanainn (2)

Chan eil Eilean Mhanainn mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha e co-cheangailte ris a’ Chrùn, ge-tà. ’S i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn. Ach chan eil ball pàrlamaid Manainneach ann an Taigh nan Cumantan. Tha pàrlamaid aca fhèin.

’S e Tinvaal ainm na pàrlamaid. No Tynwald ann am Beurla. Nuair a bha mi anns an eilean, chaidh mi gu dà àite co-cheangailte ri Tinvaal. B’ iad sin taigh na pàrlamaid agus Cronk Keeill Eoin – no Cnoc Cill Eòin. Tha taigh na pàrlamaid ann an Doolish, am prìomh bhaile. Agus air Cronk Keeill Eoin – no Tynwald Hill – bidh a’ phàrlamaid a’ coinneachadh a-muigh. Tha sin a’ tachairt air aon latha anns an Iuchar gach bliadhna. An còigeamh latha dhen Iuchar. Latha Nàiseanta Eilean Mhanainn.

Tha trì seòmraichean ann an Tinvaal. Bha mi anns a h-uile seòmar còmhla ri fear air a bheil Speaker of the House of Keys. ’S e ainm annasach a tha sin – House of Keys. Tha iad ag ràdh gun tàinig e bho Ghàidhlig Eilean Mhanainn. Anns a’ Ghàidhlig aca, ’s e Yn Kiare As Feed. Tha sin a’ ciallachadh An Ceithir Air Fhichead. The twenty-four. Agus saoil cia mheud ball a th’ aca? Seadh – ceithir air fhichead – no fichead ’s a ceithir.

Bha barrachd na sin ann nuair a bha eileanan na h-Alba mar phàirt de Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean. Aig an àm sin bha trithead ’s a dhà buill sa phàrlamaid. Bha sia duine deug ann à Eilean Mhanainn. Agus bha sia-deug eile ann à eileanan na h-Alba – Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Muile agus Ìle. An-diugh tha dìreach fichead ’s a ceithir ann. Agus chan eil duine ann à eileanan na h-Alba.

Tha dàrna seòmar sa phàrlamaid – Yn Choonseil Slattyssagh no Legislative Council. Tha aona bhall deug air. ’S e an treas seòmar Quaaiyl Tinvaal no Tynwald Court, a th’ air a dhèanamh de bhuill an dà sheòmair eile. Bidh iad a’ tighinn còmhla turas sa mhìos. ’S e siostam poilitigeach iongantach a th’ aca ann an Eilean Mhanainn.

An Litir Bheag 113 An Litir Bheag 113 An Litir Bheag 115 An Litir Bheag 115

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!