FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Isle of Man (1) Eilean Mhanainn (1)

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn, thuirt feadhainn

Audio is playing in pop-over.

Eilean Mhanainn (1)

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn, thuirt feadhainn rium, “Cuin a tha na h-eileanan agaibh a’ dol a thighinn fo smachd Eilean Mhanainn a-rithist?” Bha iad a’ ciallachadh eileanan taobh siar na h-Alba. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad ri fealla-dhà. Ach chan eil mi cinnteach.

Tha ceanglaichean eachdraidheil làidir ann eadar Eilean Mhanainn agus Alba. Chan e a-mhàin na cànanan Gàidhealach. Ach cuideachd na ceanglaichean a bh’ ann ri linn nan Lochlannach.

Nochd a’ Ghàidhlig – no Gaelg – ann an Eilean Mhanainn anns a’ chòigeamh linn. Bha an cànan is cultar làidir. Eadhon nuair a thàinig na Lochlannaich, ’s e a’ Ghàidhlig a mhair. Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air an t-siostam phoilitigeach. Ach cha tug iad buaidh mhòr air a’ chànan. Tha barrachd fhaclan Lochlannach ann an Gàidhlig na h-Alba na tha anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich.

Tha grunn ainmean-àite Lochlannach ann, ge-tà. Mar eisimpleir, Laxey. Tha sin a’ tighinn bhon aon fhreumh ri Lacasaigh ann an Leòdhas. Tha e a’ ciallachadh “abhainn a’ bhradain”. Tha Lacasdal ann an Leòdhas a’ ciallachadh “gleann a’ bhradain.”

Tha mòran ainmean cinnidh ann an Eilean Mhanainn a’ tighinn bhon Ghàidhlig. Chan eil mòran ann le Mac aig an toiseach, ge-tà. Dh’atharraich Mac gu tric gu dìreach C – no san latha an-diugh C, K agus Q. Mar eisimpleir, thàinig Kermode bho MacDhiarmaid, Quarry bho MacGuaire agus Kissack bho MacÌosaig.

Anns an aonamh linn deug, bha Eilean Mhanainn aig ceann rìoghachd – Rìoghachd Mhanainn is nan Eilean. B’ iad na h-eileanan sin an fheadhainn far chosta siar na h-Alba. Bha na ceudan de dh’eileanan ann. Ach a thaobh riaghladh, bha iad a’ cunntadh trithead ’s a dhà (32). Bha Eilean Mhanainn gu deas air a’ chòrr. Ach bha e aig cridhe poilitigeach na rìoghachd.

B’ e pàrlamaid nan eilean Tinvaal – no Tynwald – facal a tha a’ ciallachadh “pàrlamaid” ann an Lochlannais. ’S ann às a sin a thàinig an t-ainm-àite Beurla a th’ air Inbhir Pheofharain – Dingwall. Tha Tinvaal fhathast a’ dol – agus a’ dol gu math. Tha Manainnich moiteil aiste. Tha iad ag ràdh gur ise a’ phàrlamaid as fhaide a mhair – gun bhriseadh sam bith – air an t-saoghal. Bho làithean nan Lochlannach chun an latha an-diugh.

An Litir Bheag 112 An Litir Bheag 112 An Litir Bheag 114 An Litir Bheag 114

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!