Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn, thadhail mi air dà àite a tha uabhasach cudromach do riaghladh an eilein. Agus, mus can mi an còrr,
bu chòir dhomh cur nur cuimhne, co-dhiù dhuibhse nach robh a-riamh ann, nach eil an t-eilean mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte (no dhen Aonadh Eòrpach).
Tha e co-cheangailte ris a’ Chrùn, ceart gu leòr. ’S i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn. Ach chan eil ball pàrlamaid Manainneach ann an Taigh nan Cumantan.
Tha pàrlamaid aca fhèin.
’S iad an dà àite dhan deach mi – taigh na pàrlamaid ann an Doolish, am prìomh bhaile, far am bi Tinvaal – no Tynwald ann am Beurla – a’ phàrlamaid
Mhanainneach – a’ coinneachadh fo chabair. Agus Cronk Keeill Eoin – sin Cnoc Cill Eòin – no Tynwald Hill – air am bi a’ phàrlamaid a’ coinneachadh
a-muigh. Bidh iad a’ tighinn cruinn còmhla air a’ chnoc sin air a’ chòigeamh latha dhen Iuchar gach bliadhna. No an còigeamh latha de Jerrey Souree mar a chanas iad fhèin – sin Deireadh Samhraidh. ’S e sin Latha Nàiseanta Eilean Mhanainn.
Tha trì seòmraichean ann an Tinvaal. Thathar ag ràdh gur i an aon phàrlamaid san t-saoghal le trì seòmraichean. Agus bha mi fortanach gu leòr ’s gun deach
mo thoirt timcheall nan trì le fear aig a bheil an dreuchd ris an canar, ann am Beurla, The Speaker of the House of Keys. ’S e ainm car annasach a
tha sin – House of Keys. A bheil e co-cheangailte ri iuchraichean, saoil?
Uill, chan eil. Thathar a’ dèanamh dheth gur ann bhon Ghaelg – Gàidhlig Eilean Mhanainn – a thàinig an t-ainm. Ann an Gaelg, ’s e Yn Kiare As Feed
. Tha sin a’ ciallachadh An Ceithir Air Fhichead. Yn Kiare As Feed. Agus saoil cia mheud ball a th’ aca anns an t-seòmar sin dhen phàrlamaid? Uill, chan
eil sin ro dhoirbh, a bheil? Ceithir air fhichead – no fichead ’s a ceithir, ma thogras sibh.
Ach bha barrachd na sin aca uaireigin. An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse mu Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean. Bha rìoghachd mhara ann, a’ gabhail
a-steach Eilean Mhanainn agus eileanan taobh siar na h-Alba. Aig an àm sin bha trithead ’s a dhà buill sa phàrlamaid. Bha sia duine deug ann à Eilean
Mhanainn fhèin, le sia-deug eile bho eileanan na h-Alba – Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Muile agus Ìle. Nuair a dh’fhalbh Muile is Ìle, thug iad
ochdnar bhall leotha, agus bha Tinvaal – mar a tha an-diugh – air a dhèanamh de cheithir duine fichead.
’S e The Speaker of the House of the Keys ann an Gaelg Loayreyder Yn Chiare As Feed – Labhradair no Labhraiche nan Ceithir Air Fhichead.
’S e am fear aig a bheil an dreuchd sin an-dràsta fear Albannach – Steve Rodan – agus ’s e a thug timcheall mi. Tha seòmar ann don Cheithir Air Fhichead
anns an togalach. Tha seòmar eile ann don dàrna taigh sa phàrlamaid – Yn Choonseil Slattyssagh no Legislative Council. Tha aona bhall deug air a’
chomhairle sin. ’S iad Ceann-suidhe Tinvaal, Easbaig an eilein, an t-Ard-neach-tagraidh agus ochdnar a th’ air an taghadh leis a’ Cheithir Air Fhichead.
Bidh iadsan a’ toirt sùil gheur, is ag atharrachadh ’s a’ leasachadh, reachdas a thig bhon t-seòmar eile.
’S e an treas seòmar Quaaiyl Tinvaal no Tynwald Court, a th’ air a dhèanamh de bhuill an dà sheòmair eile. Bidh iad a’ tighinn còmhla ann an
seòmar mòr fa leth turas sa mhìos airson dèiligeadh ri ceistean poileasaidh is ionmhais. Siostam poilitigeach iongantach – ann an eilean iongantach.