Nuair a bha a’ chlann agam òg bha mi a’ dol don chròileagan còmhla riutha. Bha sin anns an Eilean Sgitheanach. Dh’ionnsaich sinn òrain aig a’ chròileagan.
Tha beagan cuimhne agam air fear de na h-òrain. Seo agaibh am pìos a tha mi a’ cuimhneachadh:
Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh, Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”.
’S e a’ Bheurla a th’ air uiseag – skylark. Bha an t-òran snog ach bha aon rud a’ cur dragh orm. ’S e sin deireadh na loidhne mu dheireadh.
Seo an t-òran a-rithist: Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh, Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”. Nise, dè
tha am facal “i” a’ ciallachadh? Cha robh fios agam. Chuir mi ceist air tè le Gàidhlig.
“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ ciallachadh ‘oidhche’,” thuirt i. Bha sin a’ dèanamh ciall – càite na chaidil thu raoir san oidhche? Ach carson nach
e “oidhche” a bh’ anns an òran, seach “ì”? An robh àite ann an Alba far an robh daoine ag ràdh “ì” airson “oidhche”? Tha mi a’ smaoineachadh nach robh.
Am-bliadhna fhuair mi fuasgladh don cheist. Thug e toileachas dhomh. Bha mi ann an Eilean Mhanainn. Dh’ionnsaich mi beagan dhen Ghàidhlig aca. Tha i gu
math coltach ri Gàidhlig na h-Alba.
Seo agaibh trì abairtean ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha moghrey mie a’ ciallachadh “madainn mhath”. Thuirt cuideigin rium gu bheil moghrey a’ tighinn bho moch-thràth (“early time”). Co-dhiù, sin moghrey mie. Tha fastyr mie a’ ciallachadh “feasgar
math”. Agus airson “oidhche mhath”, canaidh iad oie vie. Oie vie. Uh-uh, thuirt mi rium fhìn, càite na chaidil thu raoir san oie! Thàinig an t-òran à Eilean Mhanainn!
Thuirt tè Mhanainneach rium gun robh an t-òran sin aca. Agus thuirt fear eile rudeigin inntinneach. Chan eil ushag ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn
a’ ciallachadh skylark. Tha e a’ ciallachadh eun sam bith. An dèidh sia bliadhn’ deug, fhuair mi fuasgladh don cheist agam.