Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh “Diarmaid agus Gràinne”. Mharbh Diarmaid an torc nimhe air Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. Ach bha fios aig
Fionn gun robh aon laigse aig Diarmaid. Bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise. Bha comas aig calg aig torc Diarmaid a mharbhadh – le bhith a’ briseadh
a’ bhuill-dhòbhrain.
Dh’iarr Fionn air Diarmaid tilleadh gu closach an tuirc.
“ A Dhiarmaid,” thuirt e, “tomhais an torc. Cia mheud troigh?”
Thomhais Diarmaid an torc le a chasan, agus iad rùisgte. Bha sin leis an fhionnadh. Tha sin a’ ciallachadh with the lie of the hair or bristles.
Leis an fhionnadh.
“Tha e sia troighean deug,” thuirt Diarmaid. Bha e gu math mòr!
“Tomhais an torc a-rithist,” thuirt Fionn. “An turas seo an aghaidh an fhionnaidh.” Tha sin a’ ciallachadh against the lie of the bristles. An
aghaidh an fhionnaidh.
Rinn Diarmaid sin ach, an turas seo, bhris bior cuilg am ball-dòbhrain air bonn a choise. Thuit Diarmaid. Chaochail e.
Thill Fionn is a chompanaich don allt far an robh Diarmaid a’ fuireach. Choisich iad suas ri taobh an uillt. Ràinig iad an taigh. Bha Gràinne ann. Chaidh
na fir a-steach. Chunnaic iad gun robh dà leabaidh ann. Thuig iad gun robh leapannan air leth aig Diarmaid is Gràinne. Thuig iad gun robh Diarmaid
neo-chiontach. Bha iad anabarrach duilich mu a bhàs.
Tha cuid ag ràdh gun do ghabh Gràinne làmh na beatha fhèin. Tha cuid eile ag ràdh gun robh Fionn is a chompanaich feargach le Gràinne. Thog iad teine agus
chuir iad Gràinne ann.
Faisg air Beinn Ghulbain tha àite ann air a bheil The Tomb. A rèir beul-aithris, ’s e seo làrach na h-uaghach aig Diarmaid. Chaidh ceithir
tursachan a chur suas ann. Ma thèid thu gu ceann an ear nan tursachan, is ma choimheadas tu sìos an loidhne a tha iad a’ dèanamh, tha iad a’ comharrachadh
an àite air Beinn Ghulbain far an do mharbh Diarmaid an torc nimhe.