FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uiseag bheag dhearg (1)

Nuair a bha a’ chlann agam òg, bhithinn a’ dol

Audio is playing in pop-over.

Uiseag bheag dhearg (1)

Nuair a bha a’ chlann agam òg, bhithinn a’ dol don chròileagan còmhla riutha aig amannan. Chòrd e rium, feumaidh mi ràdh. Agus bhithinn ag ionnsachadh òrain còmhla riutha. Tha fear de na h-òrain a bh’ againn a’ stobadh a-mach nam chuimhne.

Chan e gu bheil mi ga chuimhneachadh gu lèir. Gu mì-fhortanach, chan eil cuimhne mar sin agam ann. Bidh mi a’ dìochuimhneachadh briathran òran gu luath. Agus cha chreid mi gum faca mi an t-òran seo ann an cruth sgrìobhte. Ach tha cuimhne agam fhathast air an t-sèist. Chaidh e mar seo:

Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh, Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”. Uill, aig an àm sin, bha mi a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Bha poll-mònach againn faisg air an taigh far am bithinn a’ buain na mònach. Bhithinn a’ faicinn uiseagan gu tric ann, ag èirigh às an fhraoch is a’ dol air sgèith os mo chionn. ’S e a’ Bheurla a th’ air uiseag – skylark.

Bha an t-òran snog gu leòr ach bha aon rud mu dheidhinn a bha a’ cur dragh orm. ’S e sin deireadh na loidhne mu dheireadh dhen t-sèist. Seo an t-sèist a-rithist: Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh, Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”. Nise, dè tha am facal mu dheireadh a’ ciallachadh – “i”? Chan e Eilean Ì no Ì Chaluim Chille, oir chanadh tu “ann an Ì”, seach “san Ì”. Bha am facal “ì” a’ ciallachadh “eilean” bho shean. Saoil an e sin a bh’ ann? Cha robh e a’ coimhead ro choltach.

Uill, aig an àm sin, dh’fhaighnich mi de thè a bha anns a’ chròileagan. “Tha mi an dùil gu bheil e a’ ciallachadh ‘oidhche’,” thuirt i. Bha sin a’ dèanamh ciall – càite na chaidil thu raoir san oidhche? Ach carson nach e “oidhche” a bh’ ann, seach “ì”? An robh àite ann an Alba far an canadh daoine “ì” airson “oidhche”? Uill, ma tha, cha do lorg mi fhathast e.

Ach na bu tràithe dhen bhliadhna seo fhuair mi fuasgladh don cheist, agus thug e toileachas dhomh. Uill, tha mi a’ dèanamh dheth gur e seo am fuasgladh, co-dhiù. Bha mi ann an Eilean Mhanainn airson beagan làithean. Airson pàirt dhen ùine bha mi am measg Ghàidheal. Bha iad a’ bruidhinn Gaelg – no Gàidhlig Eilean Mhanainn – nam measg fhèin, agus riumsa. Tha an cànan gu math coltach ri Gàidhlig na h-Alba.

Dh’ionnsaich mi abairt no dha. Seo agaibh trì dhiubh: moghrey mie airson madainn mhath. Chaidh innse dhomh gu bheil moghrey a’ tighinn bho moch-thràth (“early time”). Co-dhiù, sin moghrey mie. Tha fastyr mie a’ ciallachadh feasgar math. Agus airson oidhche mhath, canaidh iad oie vie. Oie vie. Uh-uh, thuirt mi rium fhìn, càite na chaidil thu raoir san oie! Feumaidh gur ann à Eilean Mhanainn a thàinig an t-òran.

Dh’fhaighnich mi de thè aig a bheil an cànan gu fileanta agus thuirt i, gu dearbh, gun robh an t-òran sin aca. Agus chuir fear, a bha ag èisteachd ris a’ chòmhradh, tuilleadh ris. Oir bha beagan Gàidhlig na h-Alba aige. Dh’innis e dhomh nach eil ushag anns a’ chànan acasan a’ ciallachadh skylark. Tha e a’ ciallachadh eun sam bith. Nach math gun d’ fhuair mi fuasgladh don cheist, agus a’ chlann agam a-nise san oilthigh!

Litir 415 Litir 415 Litir 417 Litir 417

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!