ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

144: An t-Seamrag 144: An t-Seamrag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An t-Seamrag

Gaelic Gàidhlig

Tha an t-seamrag iongantach. A bheil sibh eòlach air an t-seamraig? ’S e lus a tha innte. Tha i ainmeil ann an Èirinn. Ann an Gàidhlig na h-Èireann ’s e seamróg a chanas iad. Thàinig a’ Bheurla shamrock bhuaithe sin.

Tha cuid ag ràdh gur e Naomh Pàdraig a thug an t-seamrag a dh’Èirinn. Chuir e às do na nathraichean an toiseach. Cha toigh le nathraichean seamragan, a rèir beul-aithris. Chuir Naomh Pàdraig cluaintean dhen t-seamraig ann an Èirinn. Às dèidh sin, cha robh na nathraichean a’ dol a thilleadh!

Ach a bheil e soilleir dè an lus a tha anns an t-seamraig? O shean, b’ e a’ Ghàidhlig air clover – seamar. ’S e seamar beag – seamrag. ’S e an t-seamrag bhàn a chanas Gàidheil na h-Alba ri white clover no Trifolium repens. Tha am facal a’ nochdadh ann an ainmean-àite. Tha Beinn na Seamraig anns an Eilean Sgitheanach agus tha Loch na Seamraig air a’ Pharbh. Tha na h-ainmean sin a’ ciallachadh “clover mountain” agus “clover loch”.

Ach tha lus eile ann air a bheil “seamrag” uaireannan. ’S e sin Oxalis acetosella – the wood sorrel. Tha na duilleagan trì-bhileach, mar a tha duilleagan Trifolium. An e Oxalis no Trifolium a chleachd Naomh Pàdraig ann an leasan mun Trianaid? Uill, chan eil sinn cinnteach. Ach bha an lus aige trì-bhileach. Bha an naomh a’ mìneachadh teagasg na Trianaid. Thuirt e gun robh Athair, Mac agus an Spiorad Naomh fa leth ach nan aon, dìreach mar a tha duilleagan na seamraig.

Bha an àireamh a trì mar rud sònraichte do na pàganaich mu thràth. Ach càite a bheil sin a’ fàgail na seamraig air a bheil ceithir bileagan air gach duilleig? The four-leaved clover. Ann am mòran chultaran, tha e a’ toirt deagh fhortan do dhuine. ’S e a’ Ghàidhlig air four-leaved clover “seamrag nam buadh” – the shamrock of the virtues. Seamrag nam buadh.

Dè nì thu ma lorgas tu seamrag nam buadh? Uill, cuir fod theanga i. Thathar ag ràdh gum faigh thu comasan ùra – comasan mar an dà-shealladh!

Faclan is abairtean: A bheil sibh eòlach air an t-seamraig?: are you familiar with the shamrock?; ’s e lus a tha innte: it [fem] is a plant; bhuaithe sin:from that; a thug an t-seamrag a dh’Èirinn: who took the shamrock to Ireland; chuir e às do na nathraichean an toiseach:he eliminated the snakes to begin with; cha toigh le nathraichean seamragan, a rèir beul-aithris:snakes don’t like shamrocks, according to oral tradition; chuir Naomh Pàdraig cluaintean dhen t-seamraig:Saint Patrick planted meadows of shamrocks; a’ dol a thilleadh: going to return; a bheil e soilleir dè an lus a tha anns an t-seamraig?:is it clear which plant is the shamrock?; air a’ Pharbh: at Cape Wrath (NW Sutherland); tha na h-ainmean sin a’ ciallachadh: those names mean; tha lus eile ann air a bheil “seamrag” uaireannan: there is another plant sometimes called “shamrock”; tha na duilleagan trì-bhileach: the leaves are trifoliate; a’ mìneachadh teagasg na Trianaid: explaining the doctrine of the Trinity; gun robh Athair, Mac agus an Spiorad Naomh fa leth ach nan aon: that Father, Son and Holy Spirit were separate but one; dìreach mar a tha duilleagan na seamraig: just as the shamrock’s leaves are; sònraichte do na pàganaich mu thràth: already special to the pagans; ann am mòran chultaran: in many cultures; deagh fhortan: good luck; seamrag nam buadh: four-leaved clover; dè nì thu ma lorgas tu:what do you do if you find; cuir fod theanga i: put it under your tongue; thathar ag ràdh gum faigh thu comasan ùra: it is said you will gain new abilities; an dà-shealladh: second sight [lit. the two sights].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 448

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile