FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Seamrag

Nach iongantach an lus an t-seamrag? Tha àite sònraichte aice

Audio is playing in pop-over.

An t-Seamrag

Nach iongantach an lus an t-seamrag? Tha àite sònraichte aice ann am beul-aithris is dualchas na h-Èireann. Ach a bheil na thathar ag ràdh mun t-seamraig fìor? Uill, seo agaibh rann ann am Beurla mun dearbh lus (agus gabhaibh mo leisgeul):

There's a dear little plant that grows in our isle,
'Twas Saint Patrick himself, sure, that set it;
And the sun of his labour with pleasure did smile,
And with dew from his eye often wet it.
It grows through the bog, through the brake, through the mireland
And they call it the dear little Shamrock of Ireland

Seadh. Uill, tha cuid ag ràdh gur e Naomh Pàdraig fhèin a thug an t-seamrag a dh’Èirinn. Rinn e sin às dèidh gun do chuir e teicheadh air na nathraichean. Tha fuath aig nathraichean don t-seamraig, a rèir beul-aithris. Lìon Naomh Pàdraig Èirinn le cluaintean dhen t-seamraig. Rinn e cinnteach mar sin nach tilleadh nathraichean don eilean.

Ach a bheil e uile-gu-lèir soilleir dè an lus a th’ anns an t-seamraig? O shean, b’ e a’ Ghàidhlig air clover – seamar. ’S e seamar beag – seamrag no, ann an Gàidhlig na h-Èireann, seamróg. ’S ann bhon Ghaeilge a thàinig am facal Beurla – shamrock. ’S e an t-seamrag bhàn a chanas Gàidheil na h-Alba ri white clover. Tha am facal a’ nochdadh an siud ’s an seo ann an ainmean-àite – mar eisimpleir ann am Beinn na Seamraig anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Loch na Seamraig air a’ Pharbh.

Anns na h-eisimpleirean sin, tha mi an dùil gur e an clover, Trifolium repens, an lus air a bheil “seamrag”. Ach tha lus eile ann air a bheil “seamrag” uaireannan. ’S e sin Oxalis acetosella – the wood sorrel. Tha na duilleagan trì-bhileach, dìreach mar a tha duilleagan Trifolium.

Tha feadhainn ag ràdh gur e Oxalis, seach Trifolium, a chleachd Naomh Pàdraig ann an leasan ainmeil. Cò aige tha fios dè an lus a bh’ ann ach tha e cinnteach gun robh e trì-bhileach. Thog Naomh Pàdraig e nuair a bha e a’ mìneachadh teagasg na Trianaid. Thuirt e gun robh Athair, Mac agus an Spiorad Naomh fa leth ach nan aon, dìreach mar a tha duilleagan na seamraig.

’S dòcha nach robh e doirbh do na pàganaich Ghàidhealach gabhail ris an àireamh a trì mar rud sònraichte no eadhon naomh. Bha trì sònraichte dhaibh co-dhiù. ’S ann tric a tha an àireamh sin a’ nochdadh ann an sgeulachdan traidiseanta.

Ach chan eil mi buileach cinnteach càite a bheil sin a’ fàgail na seamraig air a bheil ceithir bileagan air gach duilleig. The four-leaved clover. Ann am mòran chultaran, tha a leithid a’ toirt deagh fhortan don duine a lorgas e. ’S e a’ Ghàidhlig air four-leaved clover “seamrag nam buadh” – the shamrock of the virtues.

Bhiodh na Gàidheil, co-dhiù ann an Alba, a’ dèanamh ceangal eadar an t-seamrag agus searraich – eich òga. Bhathar ag ràdh gum fàs seamrag nam buadh far an do rugadh searrach. Bhiodh muinntir Bharraigh, anns an naoidheamh linn deug, a’ tiodhlacadh stuth a bhiodh searrach, a bh’ air ùr-bhrèith, a’ cur a-mach. ’S e “dubhliath” a chanadh iad ris an stuth. Agus bha iad a’ creidsinn gun nochdadh seamrag anns an àite far an robh an dubhliath tiodhlaicte seachd bliadhna às dèidh sin. Sin àireamh shònraichte eile – seachd!

Ach dè nì thu ma lorgas tu seamrag nam buadh? Uill, bhiodh na seann Ghàidheil ag ràdh – ma chuireas tu fod theanga i, gun tig comasan ùra thugad – comasan mar an dà-shealladh!

Litir 447 Litir 447 Litir 449 Litir 449

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!