Seo agaibh seanfhacal Gàidhlig: Mol an latha mu oidhche. Praise the day around nightfall. Mol an latha mu oidhche. Tha e a’ ciallachadh –
mol rud nuair a tha e an ìre mhath seachad. Bidh fios agad an uair sin an robh e math no nach robh. Mol an latha mu oidhche.
Bha mi a’ leughadh o chionn ghoirid mu dhaoine a bha a’ sealg nam mucan-mara. Bha sin anns a’ Chuan Sèimh anns an naoidheamh linn deug. Bha iad a’ sealg
nam mucan mòra sperm. Sin an seòrsa a rinn Herman Melville ainmeil anns an nobhail aige Moby Dick.
Bha an soitheach, an Ann Alexander, fo chommand a’ Chaiptein John DeBlois. Chunnaic iad muc-mhara mhòr. Chuir iad dà bhàta bheag gu muir. Bha
mòr-ghath, no harpoon, anns gach bàta. Ach thug a’ mhuc-mhara ionnsaigh air a’ chiad bhàta. Chaidh am bàta fodha. Chaidh cobhair a dhèanamh air na
daoine. Bha na sealgairean deiseil anns an dàrna bàta. Ach thill a’ mhuc-mhara. Chuir i an dàrna bàta fodha.
An uair sin thug a’ mhuc-mhara ionnsaigh air an luing fhèin. Bhuail i an long gu cruaidh le a ceann. Rinn i a-rithist e. Bhris i toll mòr anns an Ann Alexander. Bha an t-uisge a’ dòrtadh a-steach. Bha an long a’ dol fodha. Theich na daoine do na bàtaichean aca. Gu fortanach bha dà bhàta aca
fhathast.
An ath mhadainn cha robh dòchas mòr aig na daoine. Cha robh biadh no uisge gu leòr aca airson faighinn gu tìr. Chaidh iad gu tuath. Bha iad an dòchas long
eile a lorg. Ach, leis an fhìrinn innse, cha robh dòchas mòr aca. Cha robh duine a’ dol a mholadh an latha sin! Bha iad leotha fhèin ann am meadhan a’
Chuain Sèimh. ’S e droch latha a bha ann.
Bha dusan duine ann an aon bhàta. Bha trì duine deug anns a’ bhàta eile. Aig ciaradh an fheasgair, chunnaic DeBlois rudeigin. Seòl! Bha soitheach seòlaidh
faisg orra! An ceann greis, bha iad air bòrd soitheach eile. Bha iad slàn sàbhailte. Mol an latha mu oidhche.