Bha mi ann an Èirinn o chionn mìos. Bha mi aig an Oireachtas. ’S e sin fèill mhòr nan Gàidheal. Tha e rudeigin coltach ris a’ Mhòd ann an Alba.
Bha an t-Oireachtas ann an Cathair na Mart. ’S e Cathair na Mart, no Westport, baile beag ann an Contae Mhaigh Eo. Tha sin air taobh an iar na dùthcha. ’S
e baile beag brèagha a tha ann.
Às dèidh an Oireachtais chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam air cuairt anns a’ chàr. Thuirt tè o chionn deich bliadhna gur e Contae Mhaigh Eo an t-àite as
brèagha ann an Èirinn. Tè ann an àrd-dhreuchd. Cò bha innte? Cò, ach Màiri Robinson. B’ ise Uachtaráin – Ceann-suidhe – Poblachd na h-Èireann aig an àm.
Rinn mi agallamh leatha ann an Gàidhlig airson Radio nan Gàidheal. Bha ise a’ bruidhinn ann an Gaeilge. Bha i ann an Alba, a’ comharrachadh bàs Chaluim
Chille ann an còig ceud, naochad ’s a seachd (597).
A’ leantainn moladh Màiri, chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam timcheall pàirtean de Chontae Mhaigh Eo. Chaidh sinn air rathad air an taobh an iar. Chaidh e
gu deas air baile air a bheil Louisburgh. Ann an Gaeilge, ’s e Cluain Cearbán an t-ainm a tha air – buttercup meadow. Nach eil sin nas snoige na
Louisburgh?!
Cha do stad sinn anns a’ bhaile. Chaidh sinn air an rathad gu deas. Tha an rathad a’ dol ri taobh loch air a bheil an Dubh Loch. ’S e àite garbh, brèagha a
tha ann. Tha e car coltach ri Gàidhealtachd na h-Alba. Faisg air an Dubh Loch chunnaic sinn carragh-cuimhne. Bha e ri taobh an rathaid.
Stad sinn an càr. Sgrìobhte air a’ charragh-chuimhne – ann am Beurla – bha seo: To commemorate the hungry poor who walked here in 1849 and walk the third world today. Bha e a’ cuimhneachadh earrann bho eachdraidh na Gorta
Mòire. Air an taobh eile bha seo: “In 1991 we walked AFRI's great famine walk at Doolough and soon afterwards we walked the road to freedom in South Africa”: Archbishop Desmond Tutu.
Bha mi ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach mu na thachair faisg air an Dubh Loch. Agus innsidh mi dhuibh na dh’ionnsaich mi an ath-sheachdain.