An t-seachdain sa chaidh, dh’fhàg mi sibh air taobh siar na h-Èireann ann an Contae Mhaigh Eo. Bha mi ag innse dhuibh mu charragh-cuimhne faisg air an Dubh
Loch. Tha grunn sgrìobhaidhean air – ann am Beurla. Nam measg tha seo: “How can men feel themselves honoured by the humiliation of their fellow beings?” : Mahatma Gandhi. Tha sgrìobhadh eile air a tha a’
cuimhneachadh “the hungry poor who walked here in 1849”. Cò bh’ annta?
Uill, anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849), bha muinntir taobh an iar na h-Èireann gu math bochd. B’ e Maigh Eo an dàrna siorrachd as motha ann an Èirinn anns an robh sluagh, a rèir meudachd an fhearainn. Nuair a thàinig gaiseadh a’ bhuntàta, bha an
sluagh ann an staing dha-rìribh. Agus cha do rinn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu leòr airson an cuideachadh.
Cha chreid mi gun robh mòran tachartasan na bu mhiosa nam fear a thachair faisg air an Dubh Loch. Bha buidheann mhòr de dhaoine, agus cion bìdh orra, air a
dhol do Thaigh nam Bochd ann an Cluain Cearbán, no Louisburgh, am baile beag gu tuath air an loch. Dhiùlt an t-oifigear a bh’ ann biadh a thoirt
dhaibh agus dhiùlt e an leigeil a-steach. Thuirt e gur e am Bòrd a dhèanadh co-dhùnaidhean air sin – ’s e sin The Board of Guardians – agus cha
robh iadsan a-staigh.
Ach, thuirt e, bhiodh dithis bhall dhen Bhòrd a’ coinneachadh air an làrna-mhàireach beagan mhìltean air falbh. Bha na daoine ann an èiginn. Bha e a’ fàs
dorch. Chuir iad – fir, mnathan is clann – an oidhche seachad a-muigh anns an fhuachd gun bhiadh. Air an làrna-mhàireach, dh’fhalbh iad air chois gu ruige
an t-àite far an robh buill a’ Bhùird a’ coinneachadh.
Ràinig iad an t-àite aig meadhan-latha. Bha na buill – an Coirneal Hograve agus Mgr Lecky – a’ gabhail biadh. Cha robh iad deònach nochdadh mu choinneamh
an t-sluaigh gus am biodh iad sàsaichte. Sàsaichte le biadh math. Canaidh sinn “neo-charthannachd” ris airson a bhith modhail.
Mu dheireadh, thàinig iad a-mach agus thuirt iad ris na Gàidheil nach fhaigheadh iad dad. Bha na daoine air am bristeadh. Bha iad claoidhte. Bha iad gun
dòchas. Bha iad fuar is fliuch, agus lag le acras. Bha aca ri coiseachd air ais a Chluain Cearbán. Bha a’ ghaoth làidir, bha i fuar agus bha an t-uisge
ann. Chaochail cuid mhath de na daoine.
Air an làrna-mhàireach chaidh feadhainn à Cluain Cearbán ann airson na mairbh a thiodhlacadh. Ach bha an ùir cho tana, ’s nach b’ urrainn dhaibh uaighean a
chladhach. Chaidh mòran de na cuirp a thiodhlacadh còmhla anns an aon sloc.
Chan eilear cinnteach cia mheud duine a fhuair bàs. Tha cuid a’ cumail a-mach gun do thòisich còrr is ceithir cheud duine air an t-slighe is nach do thill
ach beagan ficheadan. ’S e cùis-mhulaid a bh’ ann. ’S e masladh a bh’ ann.
Tha buidheann air a bheil Afri – Action From Ireland – a tha a’ coiteachadh às leth còraichean daoine – a’ cumail cuairt gach bliadhna eadar an
Dubh Loch is Cluain Cearbán, a’ cuimhneachadh na thachair. O chionn sia bliadhn’ deug bha an t-Àrd-easbaig Desmond Tutu à Afraga a Deas am measg na chaidh
air a’ chuairt. ’S ann às dèidh sin a chaidh an carragh-cuimhne a chur suas.
Tha e math gu bheil na daoine a dh’fhuiling an sin air an cuimhneachadh. Ach tha e rudeigin duilich nach do smaoinich buidheann a tha a’ riochdachadh
còraichean daonna gun robh iad airidh air a bhith air an cuimhneachadh nan cànan fhèin.