Bha mi ag innse dhuibh mu Chalum Beag an t-seachdain sa chaidh. Bha Calum a’ fuireach anns na Srianan no Streens of Findhorn. Bha e
mì-chliùiteach. Carson? Uill bha e a’ goid sprèidh.
Bha aon each aige – fear sean, bàn. Bha e feumach air each. Bha e a’ dol a threabhadh na talmhainn. Ach cha robh airgead aige airson fear a cheannach.
Mharbh e an t-each aige. Thug e an t-seiche dheth. Thiodhlaic e an closach.
Air an ath oidhche, choisich e gu tuathanas. Chaidh e don stàball. Thug e each a-mach leis. Bha an t-each donn. Chaidh e dhachaigh leis.
Chuir e an t-seiche bhàn air an each dhonn. Bha e coltach ri each bàn. Cha do lorg an tuathanach an t-each. Rinn Calum an treabhadh. An uair sin, thug e an
t-seiche far an eich. Bha an t-each donn a-rithist. Thug e an t-each donn air ais don stàball.
Bha nàbaidh aig Calum. Bha an duine spìocach. Latha a bha seo, dh’iarr e air Calum a’ mhuc aige a mharbhadh. Ach cha robh e ag iarraidh feòil na muice a
thoirt seachad do dhaoine eile. Dh’iarr e comhairle bho Chalum.
“Cuir an closach don abhainn air beulaibh an taigh agad a-nochd,” thuirt Calum. “Fàsaidh e fuar is bidh sin math don fhèoil. Faodaidh tu coiseachd sìos don
taigh againn a-màireach. Bidh an naidheachd agad gun do ghoid cuideigin a’ mhuc. Can sin ris a h-uile duine.”
Uill, dè bha Calum Beag a’ dèanamh air an oidhche? Cha robh e anns a’ leabaidh aige fad na h-ùine, co-dhiù. Air an làrna-mhàireach, cha robh closach na
muice san abhainn. Chaidh an duine gu taigh Chaluim. “Ghoid cuideigin a’ mhuc agam,” thuirt e.
“Seadh, seadh,” arsa Calum ris. “Cum ris an sgeul sin nuair a tha thu a’ bruidhinn ri daoine eile.”
“Ach ’s e an fhìrinn a th’ agam,” thuirt an nàbaidh a-rithist. “Ghoid cuideigin i ann an dha-rìreabh.”
“Seadh, seadh, tha fhios a’m,” thuirt Calum. Tha mi a’ smaoineachadh gun do phriob e a shùil ris an fhear eile!
Cha robh fios aig an nàbaidh gur e Calum a ghoid a’ mhuc. Agus tha mi cinnteach gun do chòrd an fheòil ri Calum ’s a’ bhean aige.