FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Sia Bonnaich Bheaga (3)

Tha mi a’ dol a thoirt na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’ gu crìch.

Audio is playing in pop-over.

Na Sia Bonnaich Bheaga (3)

Tha mi a’ dol a thoirt na sgeulachd ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’ gu crìch. ʼS e sgeulachd a th’ ann a chaidh a chruinneachadh anns an naoidheamh linn deug le Iain Òg Ìle. Tha mi an dùil gur ann an Ìle fhèin a chruinnich e e, oir chleachd e an àite sia. ʼS e Na Sé Bonnaich Bheaga a bh’ aige air an sgeulachd. A bharrachd air sin, ʼs e gealbhan a bh’ aige air teine.

Co-dhiù, seo agaibh deireadh na sgeulachd. Bha nighean an fhamhair agus mac na banntraich air sgaradh bho chèile nuair a bha iad anns a’ bhaile mhòr. Bha nighean an fhamhair air obair a lorg aig gobha ann an ceàrdach. Ach bha i ann an riochd gille. Cha robh fios aig a’ ghobha gur e nighean a bh’ innte. Bha e gu math toilichte leis an obair aice oir bha i gu math sgileil.

Nise, bha nighean aig a’ ghobha fhèin. Ghabh ise nòisean air gille a’ ghobha, gun fhios aice nach e gille a bh’ ann ach nighean aig famhair. Bha nighean an fhamhair troimhe-chèile mu dheidhinn, ach lean i oirre a choimhead airson an duine aice fhèin – mac na banntraich. Bha esan a-nise fo ghealladh-pòsaidh aig nighean an rìgh. Bhon a fhuair e pòg bho chù, cha robh cuimhne aige air nighean an fhamhair.

Latha a bha seo, thàinig fios mu bhanais nighean an rìgh. Chaidh iarraidh air a’ ghobha agus a nighean a bhith an làthair aig a’ bhanais. Rinn nighean an fhamhair coileach òir agus cearc airgid mar thiodhlac bainnse. Nuair a chaidh i don bhanais, chuir i an coileach òir agus a’ chearc airgid air bòrd mu choinneamh fear na bainnse. Bha daoine a’ gabhail iongantas. Cha robh fios aca dè bha seo a’ ciallachadh.

Thug an nighean gràinne eòrna à poca, agus thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a chairt mise na seachd bàthaichean aig an fhamhair, cha dèanadh tu sin orm.’

Thug an nighean gràinne eòrna eile à poca, agus thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a thugh mi na seachd bàthaichean aig an fhamhair, cha dèanadh tu sin orm.’

Thug an nighean treas gràinne eòrna à poca, agus thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a rug mise air an each aig an fhamhair, cha dèanadh tu sin orm.’

Uill, dh’aithnich an gille nighean an fhamhair, agus bha cuimhne aige oirre a-rithist. Leum e thar a’ bhùird agus ghabh e grèim oirre. Thuirt e rithe gun robh gaol aige oirre. Dh’fhàg e nighean an rìgh.

Ach cha robh e uile gu leòr mì-fhàbharach do nighean an rìgh. Gu dearbh, bha i ann an gaol le fear eile roimhe, agus phòs i esan.

Phòs mac na banntraich agus nighean an fhamhair, agus dh’fhalbh iad a dh’fhuireach ann an taigh an fhamhair a bha a-nise falamh. Agus mura robh iad sona, sunndach còmhla, cha chuala mi guth air.

Litir 1034 Litir 1034 Litir 1036 Litir 1036

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!