Tha mi airson innse dhuibh mun cheatharnach ainmeil, Seumas Mac a’
Phearsain, am fear a chruthaich Cumha Mhic a’ Phearsain no MacPherson’s Lament. Rugadh e sa bhliadhna sia ceud deug, seachdad
ʼs a còig (1675). Bha e an dà chuid cliùiteach agus mì-chliùiteach anns an
ear-thuath airson a bhith na cheatharnach.
Chaidh Seumas a chur gu bàs – mar a chì sinn – air a’
chroich. Am measg nan casaidean na aghaidh, bha ‘being an Egyptian
’. Cha robhar a’ ciallachadh ‘Èiphiteach’ ach ‘Siopsach’. ʼS dòcha gur e
‘neach-siubhail’ a chanamaid an-diugh.
Bha Seumas na mhac-dìolain aig uachdaran à Bàideanach – Donnchadh Mac a’
Phearsain à Inbhir Fhèisidh, taobh Loch Ìnnse. Thachair Donnchadh ri
boireannach òg brèagha aig banais. Bha ise, a rèir beul-aithris, na
Siopsach. Rugadh leanabh-gille dhi agus ghabh Donnchadh ris gum b’ esan
athair.
Dh’fhàs Seumas gu bhith na ghille làidir, eireachdail. Bha e sgileil le
claidheamh, agus bha claidheamh-mòr aige a bha sia
troighean a dh’fhaid. Bha e cuideachd na fhìdhlear air leth.
Nuair a bha Seumas òg, chaidh athair a mharbhadh ann an strì ann am
Bàideanach. Chaidh Seumas a dh’fhuireach còmhla ri teaghlach a mhàthar. Bha
Seumas an uair sin an sàs gu mòr ann am mèirle. Bhiodh e a’ dol air feadh
ceann an ear-thuath na h-Alba. Uaireannan bhiodh e air ceann còmhlain a
rachadh a-steach a mhargaidh ann an solas an latha – ann am bailtean mar
Eilginn, Farrais agus Baile Chè. Ach cha robh e ri fòirneart agus cha
dèanadh e cron air banntrach no duine a bha beò ann am bochdainn.
Ge-tà, dh’èirich droch naimhdeas eadar Seumas agus na h-uachdarain ann an
Siorrachdan Mhoireibh, Bhanbh agus Obar Dheathain. Chuir MacDhuibh à Braco
buidheann air dòigh airson a dhol air a thòir.
Aon turas, chaidh Seumas a ghlacadh ach fhuair e mu sgaoil a-rithist. Seo
mar a thachair e. Bha e ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chuir na
h-ùghdarrasan boireannach brèagha air dòigh airson a ghlacadh oir bha
laigse aig Seumas a thaobh nam ban. Dh’iarr an tè seo air Seumas
coinneachadh rithe airson èisteachd ri ceòl na fìdhle. Cha robh Seumas
faiceallach gu leòr agus, mar ainmhidh neo-chùramach, choisich e a-steach
do ribe. Chaidh a chur an grèim le oifigearan lagha.
Bha Seumas sa phrìosan ann an Obar Dheathain. Ach ghabh am boireannach òg
dàrna beachd air na rinn i. Bhruidhinn i ri fear Pàdraig MacIlleDhuinn a
bha na mhèirleach ainmeil – agus na fhear-siubhail – agus chuir esan fios
gu Dòmhnall Mac a’ Phearsain, co-ogha Sheumais, ann am Bàideanach. Chuir
iad buidheann saoraidh air dòigh agus rinn iad air Obar Dheathain.
Bhris iad a-steach don phrìosan agus fhuair iad lorg air Seumas. Bha e
ceangailte ri balla a chealla le slabhraidhean. Ach bha an sgioba air
uidheaman a thoirt leotha airson slabhraidhean a ghearradh. Fhad ʼs a bha
iad ag obair air a shaoradh, thòisich ùpraid taobh a-muigh doras a’
phrìosain. Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, dh’fheuch aon duine ri Seumas
a chumail sa phrìosan. Ach fhuair Seumas mu sgaoil airson a bhith ri mèirle
greis eile.