Dè an t-ainm a bh’ air a’ chù aig Fionn Mac Cumhail? Tha fios agaibh, nach
eil? Bran. Ach seo ceist eile dhuibh. Dè an dath – no dathan – a bh’ air
Bran? Bha casan buidhe aige agus bha e dubh air gach cliathaich. Bha a bhrù
geal, bha a dhruim uaine agus bha a chluasan dearg.
Ach, bidh sibh a’ faighneachd, nach robh e dubh air fad nuair a bha e na
chuilean? Bha. Ach dh’atharraich a dhathan nuair a bha e ann an dùthaich
nan Lochlannach. Agus seo mar a thachair e.
Chaidh iarraidh air Fionn a dhol a Lochlann airson na daoine a shàbhaladh
bho uilebheist locha. Thachair e ri nighean Rìgh Lochlainn a bha gu math
brònach. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich Fionn.
‘Tha an t-uilebheist a’ marbhadh duine gach latha,’ thuirt i. ‘Agus
an-diugh, ʼs e turas mo bhràthar.’
‘Cha tèid do bhràthair chun an locha an-diugh,’ arsa Fionn. ‘Thèid mise ann
na àite.’ Chaidh Fionn chun an Rìgh agus dh’inns e dha gun toireadh e
dùbhlan don uilebheist. Ach bhiodh e a’ dol ann às aonais Bhrain oir fhuair
e a-mach, le bhith a’ cur a chorraig fo a dheud-fios, nan rachadh cù
ann roimhe, nach maireadh an dithis aca beò. Cheangail e Bran le trì
slabhraidhean gus nach fhaigheadh e air falbh.
Chaidh Fionn gu bruach an locha. Thàinig an t-uilebheist agus tharraing e
Fionn a dh’ionnsaigh an uisge. Gu h-obann, dh’fhosgail an t-uilebheist a
bheul agus ghabh e grèim air Fionn. Chunnaic Bran na bha a’ tachairt. Bhris
e na slabhraidhean aige agus leum e a-steach a bheul an uilebheist dìreach
an dèidh cas Fhinn.
Chaidh an t-uilebheist fodha. Thàinig e a dh’uachdar a-rithist agus shnàimh
e aig astar air feadh an locha. Bha muinntir an àite cruinn còmhla air
bruach an locha. Chunnaic iad Fionn agus Bran a’ tighinn a-mach tro
chliathaich an uilebheist. Bha Fionn gun stiall air, agus bha Bran maol,
gun ghaoisid.
Bha Fionn gu math lag, agus chuir mac Rìgh Lochlainn roimhe an gaisgeach a
mharbhadh agus a ràdh ris na daoine gur e e fhèin a chuir às don
uilebheist. Ach bha fios aig Fionn dè bha fa-near dha, oir bha air a
chorrag a chur fo a dheud-fios. ‘Shàbhail mi do bheatha,’ thuirt Fionn ris
a’ phrionnsa, ‘agus seo an duais a tha mi a’ faighinn.’ Bha am prionnsa air
a nàrachadh.
Chaidh Fionn a thoirt gu caisteal an Rìgh far an d’ fhuair e aodach ùr. Bha
dotairean ga chuideachadh, ach bha Fionn a’ gabhail cùram mu Bhran a bha
gun ghaoisid. ‘Tha mise ceart gu leòr,’ thuirt e, ‘ach cuiribh bian ceart
air a’ chù.’
An ceann greis, thill na dotairean le cù bàn molach. ‘Obh obh,’ thuirt
Fionn. ‘Chan e sin an dath a bha mi ag iarraidh idir.’
‘Dè tha sibh ag iarraidh, ma-thà?’ dh’fhaighnich na dotairean.
Agus seo na thuirt Fionn: ‘Casan buidhe aig Bran, dà thaobh dhubh agus tarr
geal, druim uaine chon na seilge agus dà chluais chorrach chrò-dhearg.’
Thug na dotairean Bran air falbh agus nuair a thill iad leis, ʼs ann mar
sin a bha e. Agus bha e furasta aithneachadh!