FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilebheist Ratharsair (2)

Bha mi ag innse dhuibh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’

Audio is playing in pop-over.

Uilebheist Ratharsair (2)

Bha mi ag innse dhuibh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’. Bha an t-Uilebheist air cabhsair agus cruach-mhònach a thogail do MhacMhuirich, ach cha robh an sealgair riaraichte. ‘Tha an leanabh agad air èirig fhathast,’ thuirt e.

‘Phàigh mi i dà thuras mu-thràth,’ ars an t-Uilebheist, le fearg.

‘Cha robh an sin ach an toiseach,’ thuirt MacMhuirich. ‘A-nise, togaidh thu taigh mòr dhomh. Bidh an tughadh air a dhèanamh de dh’itean eòin.’

‘Mo mhìle mallachd ort!’ thuirt an t-Uilebheist. Dh’èirich e agus dh’fhalbh e don choille. Anns a’ choille, dh’èigh e, ‘Gach craobh anns a’ choille ach a-mhàin critheann a’ Chrainn-cheusaidh agus Droigheann-dubh a’ Chrùin , thigibh agus dèanaibh taigh na ceilge!’ Thàinig fiodh bho na craobhan sin agus cha b’ fhada gus an robh an taigh air a thogail, ach a-mhàin gun robh e gun tughadh.

Bha MacMhuirich fhathast anns an taigh aige fhèin, agus mhothaich e gun robh e air fàs dorch. Choimhead e a-mach air an uinneig, agus dè chunnaic e ach ealtainnean – sgaothan de dh’eòin a bh’ air tighinn à gach oisean dhen domhan. Dh’fhàg gach eun ite air mullach an taigh ùir. Taobh a-staigh latha, bha an tughadh deiseil.

Nuair a thill an t-Uilebheist, thilg MacMhuirich a leanabh a-mach air an uinneig, ag ràdh, ‘thalla às an eilean seo agus thoir do chuilean leat!’

Dh’fhalbh an t-Uilebheist agus chan fhacas e bhon uair sin ann an Ratharsair. Ach rinn e mallachd air MacMhuirich nach biodh sealbh no fortan aige. Phòs MacMhuirich an ceann ùine agus bha triùir mhac aige. Bha iad fhèin ʼs an athair a-mach air a chèile fad na h-ùine. Cha robh ach aon charaid aig MacMhuirich agus b’ e sin an lethchiallach a bha na sgalaig dha. ʼS e Fionnlagh an t-ainm a bh’ air.

Latha a bha seo sheòl MacMhuirich, a mhic agus Fionnlagh gu ruige Muideart. Air an t-slighe dhachaigh, stad iad ann an Canaigh. Bha iad ann ro fhada agus dh’iarr Baintighearna Chanaigh orra falbh, ged nach robh gaoth sam bith ann airson seòladh.

‘Chan eil sinn a’ dol a dh’iomradh a Ratharsair,’ thuirt na mic rin athair. ‘Nach iarr sibh gun tig a’ ghaoth?’

Dh’èigh MacMhuirich airson ‘gaoth an ear a thig às na creagan agus nach dèan cron oirnn.’ Agus dh’èirich gaoth shocair às an àird an ear. Ach cha robh i làidir gu leòr agus rinn a ghillean magadh air an athair airson a bhith meata. ‘Ceart gu leòr,’ thuirt MacMhuirich. Dh’èigh e airson ‘gaoth chruaidh às an àird a tuath.’ Cha robh sin fàbharach dhaibh agus rinn na gillean an tuilleadh fanaid air.

Bha MacMhuirich a-nise feargach. Dh’èigh e airson gaoth cho làidir ʼs gun reubadh i gaoisidean à each, gun spìonadh i fianach à monadh agus gun tàirnneadh i bàirneach à creag. Bha a mhic uile tinn le cur na mara. Cha robh ach MacMhuirich agus Fionnlagh a sheas ris a’ chruadal. Air èiginn, ràinig iad Loch Aineort anns an Eilean Sgitheanach far an do chuir iad am bàta air tìr. Tha dùil gun do ràinig iad Ratharsair ach dè thachair dhaibh an uair sin, chan eil fhios domh.

Litir 980 Litir 980 Litir 982 Litir 982

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!