Bha mi ag innse na sgeulachd ‘Mar a Thàinig an Guirmean a dh’Alba’. Bha an
dìlleachdan Barrach anns na h-Innseachan. Lìon an triùir fhear am bara aige
le slatan òir. Thill e dhachaigh don tuathanach. Bha e air a bhith air
falbh beagan làithean agus bha an t-eagal air an tuathanach gun robh e
marbh. Bha e air gealltainn don mheat air an t-soitheach gun cumadh e
sàbhailte e.
Sheall an gille am bara – làn slatan òir – don tuathanach. ‘Dè tha thu a’
dol a dhèanamh le sin?’ dh’fhaighnich an tuathanach.
‘Tha mi a’ dol gam fàgail agaibh fhèin,’ ars an gille.
‘O,’ ars an tuathanach, ‘na fàg agams’ idir iad. ʼS ann leat fhèin a tha
iad. ʼS tu am fear as beartaiche air an oighreachd an-diugh, is làn bara de
shlatan òir agad.’
Bha iad beagan làithean aig an taigh is thàinig an tuathanach a
dh’ionnsaigh a’ ghille. ‘Tha oighreachd mhòr ga reic,’
thuirt e. ‘ʼS e oighreachd ghuirmein a th’ innte. Thèid mise dhan rùp is
ceannaichidh mi an oighreachd agus bidh d’ ainm fhèin oirre.’
‘Glè mhath,’ ars an gille òg.
Chaidh an tuathanach don rùp agus cheannaich e an oighreachd leis na slatan
òir. ‘ʼS ann leat fhèin a tha an oighreachd a-nise,’ thuirt e ris a’
ghille. ‘Faodaidh tu an luchd-obrach a chumail no faodaidh tu faighinn
cuidhteas iad mar a thogras tu fhèin. Ach ʼs dòcha gum
biodh e glic an cumail oir ʼs ann acasan a tha fios air mar a dh’fhàsas tu
an guirmean.’ Chùm an gille an luchd-obrach agus chaidh gnothaichean gu
math leis air an oighreachd.
Chaidh bliadhnaichean seachad agus cò nochd latha a bha seo aig taigh an
tuathanaich ach am meat. Bha e air tilleadh bho na seachd cuantan. ‘Ca’l an
gille?’ dh’fhaighnich e.
‘Uill,’ ars an tuathanach, ‘tha an gille nas fheàrr dheth an-diugh na tha
thusa no mise. Thèid sinn a chèilidh air.’
‘Glè mhath,’ ars am meat, agus chaidh iad a chèilidh air an dìlleachdan.
Ràinig iad an taigh agus ʼs e taigh mòr a bh’ ann. Thàinig an gille chun an
dorais. Rug e fhèin ʼs am meat air làimh air a chèile agus dh’fhaighnich am
meat dheth gu dè a bh’ air èirigh dha.
Mhìnich an gille an suidheachadh dha agus gun robh an oighreachd aige làn
guirmein. Dh’fhaighnich an gille mun bhàta ‘Cò th’ oirre an-diugh?’
dh’fhaighnich e.
‘Chan eil ach an t-seann fheadhainn air a bheil thu eòlach,’ ars am meat.
‘Glè mhath,’ ars an gille. ‘Tha mi airson ʼs gum fuirich thu agam a-nochd
agus a-màireach lìonaidh sinn am bàta le luchd de ghuirmean. Ach tha mi a’
dol a chur an sgiobair dhith, agus pàirt dhen chriutha leis – an fheadhainn
a bha nam aghaidh. Gheibh thusa comannd air a’ bhàta agus bidh i leat fhèin
an uair sin.’
‘Glè mhath,’ ars am meat. Chuir iad a h-uile sìon air dòigh agus luchdaich
iad am bàta le guirmean. Chuir an gille an sgiobair agus pàirt dhen
chriutha a-mach – an fheadhainn a bh’ air a bhith na aghaidh air a’ chiad
bhòidse. Bha am meat na sgiobair agus sheòl iad am bàta gu ruige Alba. Agus
b’ e sin a’ chiad turas a ràinig an guirmean Alba – taing do dhìlleachdan à
Barraigh. Agus ʼs e sin mo sgeulachd, fìor no breugach ged a bhitheas i.