Dè an cladh as brèagha ann an Alba? ʼS e ceist dhoirbh a tha sin, nach e?
ʼS iomadh buadh a th’ aig cladh – an t-àite sa bheil e, na seallaidhean,
cruth an àite, coltas na h-eaglaise ma bhios eaglais ann – agus na daoine a
th’ air an tiodhlacadh ann.
Tha Cladh nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gu math snog – agus na
thèarmann sìtheil ann an meadhan baile mòr trang. Tha an sàr-bhàrd,
Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, air a thiodhlacadh ann. Ma bhios mi faisg air
a’ chladh nuair a tha mi ann an Dùn Èideann, bidh mi a’ dol a-steach airson
urram a shealltainn do Dhonnchadh agus taing a thoirt dha airson na tlachd
a thug a bhàrdachd dhomh.
Bha mi aig tiodhlacadh aig bana-charaid an-uiridh ann an Dùthaich MhicAoidh
– air cladach Caolas Thunga, leis a’ chuan air aon taobh agus Beinn Laghail
nam mullaichean drùidhteach aig a’ cheann eile. Bha Mairead gu math measail
air nàdar agus abair gun robh an t-àite far an deach a cur a laighe àlainn.
Cha tèid mi seachad air a’ chladh a-nise gun a bhith a’ cuimhneachadh
oirre, agus mo chridhe air a lìonadh le ionndrainn.
Agus chan urrainn dhomh ach Cladh a’ Chlachain air Comraich Ma-ruibhe
ainmeachadh – far a bheil mòran de na sinnsirean agam fhìn air an
tiodhlacadh. Aig bun nam beann a tha e, faisg air abhainn
is cladach, agus seallaidhean àlainn às de Ratharsair agus Cuiltheann an
Eilein Sgitheanaich.
Sin trì cladhan a tha a’ tighinn gu m’ aire sa mhionaid, ged a dh’fhaodainn
Cladh Hàllain ann an Uibhist a Deas agus Cladh Cille Bharra ann am Barraigh
ainmeachadh cuideachd. Bidh ur roghainn fhèin agaibh fhèin, ʼs cinnteach.
O chionn ghoirid, bha mi ann an cladh ùr agus abair gun robh e àlainn.
Nuair a chanas mi ‘cladh ùr’, chan eil an cladh fhèin ùr idir – tha e gu
math sean. Ach bha e ùr dhòmhsa. Nàire orm nach robh mi
ann roimhe oir ʼs iomadh turas a chaidh mi seachad air.
Ach mu dheireadh thall, ghabh mi an cothrom, agus chaidh mi a choimhead air
Cladh Cille Choirill ann am Bràigh Loch Abar. Tha e ann an Gleann Spiothain
gu tuath air rathad an A86, a tha a’ dol eadar An Lagan agus Drochaid an
Aonachain. Agus carson a tha an cladh cho drùidhteach? Uill, tha dà adhbhar
ann.
Anns a’ chiad dol a-mach, tha e gu math mòr, timcheall seann eaglaise, agus
air leathad os cionn a’ ghlinne. Tha e air a chuairteachadh le beanntan
àrda brèagha. Gu deas, tha beanntan nan Coireachan Liatha agus monadh Locha
Trèig a’ lìonadh an t-seallaidh. Sin aon adhbhar.
Ach tha adhbhar eile ann. Tha dithis bhàrd gu math ainmeil air an
tiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill, co-dhiù a rèir beul-aithris. ʼS e
fear dhiubh Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn – sealgair is bàrd a bhuineadh
don t-siathamh linn deug agus a sgrìobh an dàn ainmeil – Òran na
Comhachaig.
ʼS e am fear eile bàrd nan Dòmhnallach – Iain Lom, bàrd na Ceapaich, a
sgrìobh òrain a bha a’ dèanamh luaidh air cinn-chinnidh nan Dòmhnallach,
agus dìmeas air cinn-chinnidh nan Caimbeulach.
Ged nach eilear cinnteach cà’ bheil an dithis bhàrd seo air an tiodhlacadh
sa chladh, tha clachan-cuimhne ann dhaibh. Bidh tuilleadh agam mun chladh
seo an-ath-sheachdain.