Bha mi ag innse dhuibh mu Mhàiri Challaird, tè de Chamshronaich Challaird
ann an Loch Abar. Cha robh tè anns an dùthaich a bha na bu shnoige ann an
coltas no nàdar. Bha i gu math fialaidh. Bha gràdh aig a h-uile duine
oirre. Uill, a h-uile duine ach a h-athair. Airson adhbhar air choreigin,
bha esan gu math cruaidh oirre.
Latha a bha seo, chuir a h-athair a-mach às an taigh i. Cha robh fios aice
dè dhèanadh i. Bha slighe-mhonaidh ann eadar Callaird, far an robh i a’
fuireach, agus Lunn Dà Bhrà far an robh a h-uncail a’ fuireach. Rinn i air
taigh a h-uncail. Nuair a bha i gu h-àrd sa mhonadh, thachair i ri seann
bhoireannach a bha air chrith leis an fhuachd. Thug Màiri leth a breacain don bhoireannach, ged a bha i fhèin fuar
cuideachd.
Nuair a chunnaic muinntir na sgìre a breacan air a’ bhoireannach,
dh’aithnich iad i. ‘Carson a tha breacan Màiri oirbh?’ dh’fhaighnich iad.
Mhìnich am boireannach a’ chùis dhaibh. Bha tàmailt orra mun dòigh san do
dhèilig an ceann-cinnidh ri a nighinn.
Goirid an dèidh sin, thàinig long. Bha iad a’ reic clò, agus stuth-dathaidh
airson clò, agus cheannaich bean a’ chinn-chinnidh stuth bhuapa. Ge-tà, bha
an clò air a thruailleadh leis a’ phlàigh agus dh’fhàs a h-uile duine ann
an Taigh Challaird tinn. Thàinig Màiri dhachaigh airson cobhair a dhèanamh
air càch. Ach chaochail iad uile. A h-uile duine ach Màiri fhèin.
A rèir beul-aithris na sgìre, b’ e a’ phlàigh am fiabhras ballach no, mar a
chanas iad ann an Loch Abar fhèin, am fiabhras dubh. Ann am Beurla, ʼs e
sin typhus.
B’ fheudar do Mhàiri an uair sin fuireach anns an taigh leatha fhèin. Cha
tigeadh duine faisg oirre. Bha an t-eagal orra gum faigheadh iad am
fiabhras bhuaipe. Cha leigeadh iad a-mach i agus cha leigeadh iad duine
eile a-steach don taigh.
Ge-tà, bha leannan aig Màiri – fear Pàdraig Caimbeul à Inbhir Atha. Chanadh
daoine ‘Oighre Mhic Dhonnchaidh Inbhir Atha’ ris. Nuair a chuala e mu
Mhàiri chuir e roimhe a sàbhaladh. Chaidh e fhèin is feadhainn eile ann air
an oidhche, ag iomradh bàta gu sàmhach. Thug iad a-mach i tron t-similear.
Thug Pàdraig oirre a cuid aodaich gu lèir a thilgeil don mhuir agus i fhèin
a bhogadh sa mhuir gus am biodh i glan bhon fhiabhras.
Thug e dhachaigh i agus thug e aodach dhi a bhuineadh do a pheathraichean.
Phòs iad cha mhòr sa bhad agus thog esan taigh dhi anns a’ choille. Bha iad
leotha fhèin airson trì mìosan airson a bhith cinnteach nach robh an
tinneas oirre. Ach, gu mì-fhortanach, cha robh iad pòsta fada oir thuit
Pàdraig aig Blàr Inbhir Lòchaidh an aghaidh Montròs. Bha sin ann an sia
ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1645).
Dh’fhuiling Màiri cridhe briste air sgàth bàs a cèile. Rinn i òran dha.
Anns an òran tha i ag ràdh gun deach Pàdraig a thiodhlacadh air cùl an
taighe aca. Thathar a’ smaoineachadh gun robh e air a leòn aig Inbhir
Lòchaidh agus gun do rinn e a shlighe dhachaigh far an do chaochail e. An
uair sin, tha eachdraidh Màiri a’ fàs nas tiamhaidhe buileach, mar a
chluinneas sibh an-ath-sheachdain.