Bha mi ann an Loch Abar an t-seachdain sa chaidh ann an Lunn Dà Bhrà, deas
air a’ Ghearasdan. Sin far a bheil mi fhathast an t-seachdain seo.
Air cladach a tuath Loch Lìobhainn, mu choinneimh beul Ghleanna Comhann air
taobh thall an locha, tha Callaird. Tha taigh mòr ann air a bheil Taigh
Challaird no Callert House. Gu siar air sin, faisg air an
Omhanaich, tha Cùil Cheanna. Tha taigh mòr an sin cuideachd, air a bheil
Taigh Chùil Cheanna no Cuilcheanna House. Tha Taigh Chùil Cheanna
na thaigh-òsta an-diugh. Cha chreid mi gu bheil duine a’ fuireach ann an
Taigh Challaird.
Tha an dà thaigh sin gu math sean. Bha iad uaireigin leis na Camshronaich,
agus tha mi airson innse dhuibh mu bheul-aithris co-cheangailte ris a’
chinneadh sin.
Tha e a’ tòiseachadh le dithis a bha nam mic aig Camshron
Challaird – Alasdair Dubh à Cùil Cheanna agus Ailean, leis an robh an taigh
ann an Lunn Dà Bhrà. Bha e na chleachdadh aig cinn-chinnidh nan Camshronach an cuid mhac a chur gu sgoil anns an Fhraing. Bha dithis
mhac dligheach aig uachdaran Lunn Dà Bhrà.
Chan urrainn dhomh a ràdh co-dhiù b’ e an t-uachdaran Ailean fhèin no fear
de shliochd Ailein. Ach bha an dithis mhac aige anns an Fhraing còmhla. Bha
aon mhac eile aige, ge-tà – fear dìolain dom b’ ainm Aonghas. Leis gun robh
e dìolain, cha d’ fhuair e àrd-fhoghlam anns an Fhraing.
Fhad ʼs a bha an dithis mhac dligheach air falbh, rinn Aonghas a dhìcheall
a bhith ann am fàbhar athar. Bha e an dòchas gur ann leis-san a bhiodh an
oighreachd latha brèagha air choreigin.
Latha a bha seo, nochd teachdaire às an Apainn. Thuirt e gum biodh an
dithis mhac a’ tilleadh dhachaigh air an làrna-mhàireach. Bhiodh iad a’
nochdadh aig Cùil Cheanna air an ath oidhche. Bha an athair air leth
toilichte agus chuir sin farmad ann an cridhe Aonghais. ʼS e Aonghas a
chaidh gan iarraidh. An àite an toirt dhachaigh, ge-tà, mhuirt e an dithis
agus thiodhlaic e an cuirp ann an glac ris an canar Glac nam Marbh.
Tro thìde, fhuair daoine a-mach gur e Aonghas a mhuirt an dithis bhalach.
Ach cha do chuir an t-uachdaran às an oighreachd e agus cha do dh’fhuiling
e breith a’ cheartais. Bha cead aig Aonghas agus a theaghlach leantainn
orra le bhith a’ fuireach air oighreachd Lunn Dà Bhrà. Ach bha muinntir an
àite cinnteach gun tigeadh peanas orra – ʼs dòcha air an tìr gu lèir – uair
no uaireigin.
An dèidh grunn bhliadhnaichean, chaochail an t-uachdaran. Leis nach robh
mac dligheach aige, b’ e fear de mhic a bhràthar no a phiuthar a bha na
oighre. Bha còignear mhac agus dithis nighean aig an uachdaran ùr. B’ e tè
de na nigheanan a b’ ainmeile dhiubh. ʼS e Màiri a bh’ oirre mar ainm agus,
leis gur ann à Callaird a thàinig na Camshronaich sin bho thùs, ʼs e Màiri
Challaird a bh’ oirre mar ainm.
Bha iad ag ràdh gum b’ e Màiri an nighean a bu shnoige san tìr, agus gun
robh gràdh aig a h-uile duine oirre, co-dhiù bha iad beartach no bochd.
Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu Mhàiri Challaird anns an ath Litir.