Bha mi ag innse dhuibh mu Mhàiri Challaird, am boireannach brèagha a
bhuineadh do Chamshronaich Challaird ann an Lobh Abar. Chaill i an duine
aice, Pàdraig Mac Dhonnchaidh Inbhir Atha. ʼS e Caimbeulach a bh’ annsan
agus chaidh a leòn aig Blàr Inbhir Lòchaidh ann an sia ceud deug, ceathrad
ʼs a còig (1645). Fhuair e dhachaigh an dèidh a’ bhlàir, ach chaochail e an
sin, agus chaidh a thiodhlacadh air cùl an taighe. Ciamar a tha fios againn
air sin? Uill, sgrìobh Màiri mu dheidhinn ann an òran.
Bha cridhe briste aig Màiri air sgàth bàs an duine aice. Ach an ceann
greis, dh’iarr àrd-mhanach Àird Chatain oirre a phòsadh. Cha robh Màiri
toigheach air an duine agus cha robh i ag iarraidh a phòsadh. Ach chaidh
ìmpidh a chur oirre agus mu dheireadh, dh’aontaich i.
Air feasgar na bainnse, ghabh Màiri òran do na boireannaich a bha a’ toirt
taic dhi. ʼS e òran tiamhaidh a bh’ ann. Bha Màiri troimhe-chèile. Bha i ag
ionndrainn Phàdraig agus cha robh i ag iarraidh duine eile a phòsadh.
Bheir mi dhuibh trì rannan dhen òran anns a bheil Màiri a’ dèanamh cunntas
air eachdraidh a’ ghnothaich. Tha i ag innse mar a bha i ann an taigh na
plàigh ann an Callaird mus deach a sàbhaladh le Pàdraig. Tha i ag innse mar
a thog Pàdraig taigh dhi anns a’ choille agus mar a bha a fìor leannan –
esan – na laighe fon fhòid air cùl an taighe.
Seo a’ chiad rann: Fheudail a dh’fhearaibh
na dàlach, Thug thu mach à taigh na plàigh mi, Far an robh m’ athair ʼs
mo mhàthair, Mo phiuthar ghaoil ʼs mo chòignear bhràithrean
.
Agus an dàrna rann:
Fheudail a dh’fhearaibh na grèine, Thog thu taigh dhomh ʼn coill’ nan
geugan, Bu shunndach ann mo laighe is m’ èirigh, Cha b’ iongnadh siud,
b’ ùr mo chèilidh
.
Agus rann eile:
Rìgh, gur mis’ a th’ air mo sgaradh, Bhith dol le fear eile ʼlaighe, Is
m’ fhear fhèin air cùl an taighe, Sealgair nan damh donn ʼs nan aighean
.
Èistibh a-rithist ris an rann mu dheireadh: Rìgh, gur mis’ a th’ air mo
sgaradh, Bhith dol le fear eile ʼlaighe, Is m’ fhear fhèin air cùl an
taighe, Sealgair nan damh donn ʼs nan aighean.
Thuirt na boireannaich a chuala an t-òran gun do dh’fhalbh anam Màiri air
an oidhche sin fhèin agus gun do chaochail i mus deach am pòsadh ùr aice a
choileanadh.
Mus fhàg sinn Callaird, ge-tà – a bheil cuimhne agaibh air Aonghas, am mac
dìolain aig uachdaran Lunn Dà Bhrà? ʼS e a mhuirt a dhithis
leth-bhràithrean. Ach cha deach a pheanasachadh. Dh’fhuirich e airson a’
chòrr de a bheatha air oighreachd Lunn Dà Bhrà.
Bha na daoine ag ràdh, leis nach deach ceartas a dhèanamh, gun tigeadh
peanas orra uile. B’ e am peanas a’ phlàigh – am fiabhras dubh. Agus, ged
as e Camshronach a bh’ ann an Aonghas, cha do ghabh e ainm a’ chinnidh sin
air. ʼS e Clann Aonghais a chanadh daoine ri sliochd Aonghais. Innes ann am Beurla. Tha daoine leis an ainm sin fhathast a’
fuireach timcheall a’ Ghearasdain ach chan urrainn dhomh a ràdh a bheil iad
ann an sliochd Aonghais Lunn Dà Bhrà no nach eil.