Nuair a dh’fhàgas sinn ʼn t-àit’ seo, Cha chuir iad mòr-mhàl oirnn, ʼS cha bhi an Fhèill Màrtainn, A’ cur nàire nar gruaidh, Guma slàn do na fearaibh,
Thèid thairis a’ chuain.
Bidh sibh ag aithneachadh bhon t-seachdain sa chaidh gur e sin rann à Guma Slàn do na Fearaibh, le Dòmhnall Phàil, Dòmhnall Caimbeul, Bàrd Cheann
a’ Ghiùthsaich. Aig Fèill Màrtainn – an t-aonamh latha deug dhen t-Samhain – bha daoine a’ pàigheadh màl. Bha iad an dòchas nach biodh uiread aca ri
pàigheadh nuair a bha beatha ùr aca ann an Astràilia.
Rugadh Dòmhnall ann an Dail na Spideil ann an seachd ceud deug naochad ʼs a h-ochd (1798). B’ e Pàl – no Paul – ainm athar. Fhuair Dòmhnall
Caimbeul eile – fear à Raineach a bha càirdeach do Dhòmhnall Phàil – tac faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chaidh Dòmhnall a dh’obair dha mar chìobair. Bha e
a’ fuireach ann an Gleann Gòineig, dìreach gu tuath air Ceann a’ Ghiùthsaich, airson còrr is ceathrad bliadhna. A rèir beul-aithris bhiodh an Diabhal fhèin a’ cur seachad beagan mhìosan a h-uile bliadhna ann an Loch Gòineig. Ach co-dhiù bha Dòmhnall eòlach air gus nach robh, chan
urrainn dhomh a ràdh!
Bha Dòmhnall ainmeil ri a linn airson òrain a ghabhail ach tha e coltach nach deach mòran de na chruthaich e a sgrìobhadh. ʼS e òran eile a rinn e, agus a
th’ againn fhathast, Duanag a’ Chìobair. Tha e a’ comharrachadh mar a dh’fhàg e an dachaigh aige ann an Athall airson fuireach ann am Bàideanach.
Bha a leannan ann an ‘Raineach nam bò’. Seo agaibh ceithir rannan dheth:
Gu bheil mulad air m’ inntinn, On thàinig mi ʼn tìr seo, ʼS nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg, ʼS nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg...
ʼS ann a dh’fhàg mise gruagach, An fhuilt cham-lùbaich, chuachaich, An taobh thall do Dhruim Uachdair an fheòir, An taobh thall do Dhruim Uachdair an
fheòir...
ʼS ged a chruinn’cheadh an dùthaich, Gu fèill Chinn a’ Ghiùthsaich, Cha bhiodh tè ann don dùraiginn pòg, Cha bhiodh tè ann don dùraiginn pòg.
Chan e siud ʼrinn mo chiùrradh, On thàinig mi ʼn dùthaich, Ach nach fhaod mi dhol null air do thòir, Ach nach fhaod mi dhol null air do thòir.
Bu mhath leam ur fàgail le criomagan às òran eile aig Dòmhnall Phàil. Bha searbhant air an tac far an robh e ag obair. ʼS e Peigi Stiùbhart an t-ainm a bh’
oirre. Bhuineadh i do Bheannchar faisg air Baile Ùr an t-Slèibh. ʼS iomadh fear òg a bha measail air Peigi. Bha iad ag amas air a pòsadh
mar a tha Dòmhnall ag ràdh anns an òran:
A Pheigi Bhàn, on tha thu laghach, ʼPheigi Bhàn, on tha thu grinn, ʼPheigi Bhàn on tha thu brèagha, Bidh tu ʼm-bliadhna ann ad mhnaoi.
Am feasgar Sàbaid bha sinn còmhladh, Chuir iad ʼn òrdugh dhòmhs’ na suinn, Gun robh ochdnar dhiubh gad iarraidh, ʼS ar leam fhìn gur brèagh’ an t-sùim.
Tha Dòmhnall ag ràdh gun robh seachd duine deug ag iarraidh Peigi a phòsadh. Agus aig deireadh an òrain, tha e a’ meòrachadh – saoil am biodh cothrom aige
fhèin?! Fàgaidh mi am facal mu dheireadh aig Dòmhnall còir.
Ach nam bithinn-sa cho buadhmhor, ʼS a buannachadh dhomh fhìn, Bhiodh i agam air mo chluasaig, ʼS bheirinn suas do Ghòineig i.