FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mucan-mara Bhail’ Ailein

?S e mucan gun chiall chuir cùl rin dachaigh

Audio is playing in pop-over.

Mucan-mara Bhail’ Ailein

ʼS e mucan gun chiall chuir cùl rin dachaigh

Air aodann mharail a’ chuain;

Nuair chuir iad an cùrs air bàgh Bhail’ Ailein

ʼS e ʼm bàs a bh’ aca mar dhuais;

ʼS e aon a thàr gu sàl air ais dhiubh,

Chaidh càch a chlachadh gun truas;

Bha balaich an àite nam màl a’ feannadh

Gu tràth air madainn Diluain.

Uill, a-nise, a bheil sibh ag aithneachadh an òrain sin? A bheil sibh ag aithneachadh cuspair an òrain? Thachair e anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1934) ann an Loch Eireasort ann an Leòdhas. Sealg nam muc. Tha mi a’ ciallachadh le sin – mucan-mara.

Nan tachradh e an-diugh, ʼs ann a’ dìon nam muc a bhiodh daoine. Bhiodh iad a’ dèanamh oidhirp airson na beathaichean iomain air ais gu muir. Ach, aig an àm sin, bha gnothaichean eadar-dhealaichte. Bha daoine bochd. Agus, nuair a nochdadh biadh – an-asgaidh mar dhuais – b’ e sin rùn an fhreastail.

Mar a tha an t-òran ag innse dhuinn, ʼs e dìreach aon mhuc-mhara a thill gu muir. ‘Chaidh càch a chlachadh gun truas’. Bha caogad ʼs a ceithir ann dhiubh. A rèir choltais, ʼs e mucan-biorach tuathach a bh’ annta – northern bottlenose whales. Tha iad a’ fàs cho fada ri deich meatairean, le cuideam còrr is còig tunnaichean annta.

Nochd an sgaoth de mhucan-mara anns an loch faisg air Tàbost. Chaidh grunnan a-mach ann an eathraichean agus lean iad na mucan cho fada ri Bail’ Ailein. Dh’iomain iad na beathaichean chun an uisge eu-domhainn aig ceann an locha. Mharbh iad iad agus gheàrr iad ann am pìosan iad. Fhuair a h-uile taigh anns an sgìre a chuid de shaill. Ghoil na daoine an t-saill ann am praisean airson ola fhaighinn aiste. Feumaidh gun robh fàileadh mòr a’ tighinn aiste cuideachd. Seo an treas rann dhen òran:

Sa mhadainn Dimàirt bha fàileadh damait

Gu h-àrd air mullach nam beann;

Gun d’ fhairich na fèidh iad fhèin an samh

A bha ʼg èirigh mach às a’ ghleann;

Tharraing iad ceum le leum is osann,

ʼS e ʼn èiginn a chumadh iad ann,

Chan itheadh iad beum dhen fheur gun ruigeadh

Iad slèibhtean Hùisinis thall.

Tha an t-òran a’ cur ceist, ge-tà. Carson a shnàimh na mucan-mara a-steach a Loch Eireasort? Seo rann eile:

’S gu dè thug air ainmhidhean garbh na mara

Cur cùl rin dachaighean fhèin,

Gu tòir teachd-an-tìr ri crìch a’ chladaich

An sgìre a’ bhradain ʼs an fhèidh?

ʼS ann stiùir iad cùrs len ùidh air camas

Bhiodh cùilteach falaichte rèidh,

ʼS am biodh iad le rian fo dhìon nam fearaibh

Nach trialladh mara chum èisg.

Bha an neach a sgrìobh an t-òran dhen bheachd nach e maraichean no iasgairean a bh’ anns na daoine ann am Bail’ Ailein no baile eile air cladach an locha – Ceòs. Sgrìobh e nach robh mucan-mara a thigeadh a-steach don loch ann an cunnart – ged a dhearbh an gnothach nach robh sin fìor idir. Seo an rann mu dheireadh.

Chan fhaigheadh àite bu shàbhailt leotha

Na bàgh Bhail’ Ailein is Cheòis;

Fìor nàmhaid an èisg no creutair mara

Cha b’ e bha ʼm balaich a’ chlò;

Cha chàradh iad lìon, cha rèileadh iad dubhan,

Cha bhiathadh duine ac’ lìon-mòr,

Ach leithid aʼ mhìothlachd riamh cha dʼ rinneadh

Air iasg a bheannaich an còrs.

Litir 909 Litir 909 Litir 911 Litir 911

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!