FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (1)

Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar. ʼS e baile snog a th’ ann ach, an coimeas ris an Aghaidh Mhòir an latha sin, bha e uabhasach fhèin sàmhach. Cha bhi mòran luchd-turais a’ stad ann, a rèir choltais.

Co-dhiù, stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail agus chunnaic mi sanas air togalach air an àrd-shràid. Bha e a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean anns a bheil Dòmhnall Phàil tiodhlaicte. Uill, cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh sùil a thoirt air a’ chladh.

Eadhon do Ghàidheil nach buin do Bhàideanach – mar mi fhìn – tha sinn eòlach air an duine mar ‘Dòmhnall Phàil’. ʼS e Dòmhnall Caimbeul a bh’ air mar ainm oifigeil. Tha e aithnichte mar ‘Bhàrd Cheann a’ Ghiùthsaich’. Agus tha e ainmeil air feadh na Gàidhealtachd mar ùghdar an òrain ‘ Guma Slàn do na Fearaibh’. A bheil sibh eòlach air? Seo a’ chiad trì rannan dhuibh.

Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain, Gu talamh a’ gheallaidh, Far nach fhairich iad fuachd, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Guma slàn do na mnathan, Nach cluinnear an gearan, ʼS ann thèid iad gu smearail, Gar leantainn thar ʼchuain. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

ʼS na nìghneagan bòidheach, A dh’fhalbhas leinn còmhladh, Gheibh daoine ri ʼm pòsadh, ʼChuireas òr nan dà chluais. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Tuigidh sibh gu bheil am bàrd a’ leigeil soraidh le feadhainn a tha a’ fàgail Bhàideanach. Tha iad a’ falbh thar a’ chuain gu ruige Sydney ann an Astràilia.

Tha Tòmas Sinton ag innse dhuinn mun òran anns an leabhar aige The Poetry of Badenoch. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Dh’fhalbh mòran à Ceann a’ Ghiùthsaich gu ruige an t-Òban far an robh an soitheach, St George, a’ feitheamh. Tha astar mòr ann eadar Ceann a’ Ghiùthsaich agus an t-Òban, agus chaidh na daoine ann ann an cairtean.

Bha sluagh mòr ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an latha a dh’fhalbh iad. Chan e a-mhàin gun robh càirdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha, ach gun robh mòran a’ cruinneachadh airson Fèill Chaluim Chille. B’ e an fhèill sin latha mòr do mhuinntir Bhàideanach. Bhiodh iad a’ tighinn cruinn còmhla ann an Ceann a’ Ghiùthsaich.

Air an latha sin, tha Sinton ag innse dhuinn, chaidh an sluagh, agus luchd-ciùil nam measg, gu mullach na Creige Bige, an cnoc os cionn a’ bhaile. Bha na deòir a’ ruith, agus daoine a’ fàgail dùthaich an àraich agus an dlùth-chàirdean, agus fios aca nach fhaiceadh iad a-rithist iad.

Agus an robh iad a’ falbh gu ‘talamh a’ gheallaidh’? Uill, bha feadhainn gu math soirbheachail ach bha feadhainn nach robh beò fada thall ann an Astràilia. Bha a sgeul fhèin aig gach duine. Bha Dòmhnall Phàil fhèin an dùil leantainn orra, ach cha do lean. Bheir sinn sùil a bharrachd air an-ath-sheachdain ach, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann eile aige:

Gheibh sinn aran is ìm ann, Gheibh sinn siùcar is tì ann, ʼS cha bhi gainne oirnn fhìn, San tìr sa bheil buaidh, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!