Tha leabhran air mo bheulaibh an-dràsta agus tha e gu math inntinneach. Chaidh a thoirt dhomh an-uiridh, an dearbh bhliadhna san deach a chlò-bhualadh às
ùr. Ach chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn fhada – ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1872). ʼS e an tiotal a th’ air ‘Geàrr-chunntasan air
New Zealand airson Feuma Luchd-imrich’. Leughaidh mi an còrr dhen duilleag-tiotail dhuibh (tha i ann an Gàidhlig an naoidheamh linn deug): ‘Leis an
Urramach P. Barclay M.A. a bha roimh so ʼna mhinistear ʼan New Zealand, iar eadar-theangachadh gu Gaelic, Dunéideann aig 64 Drochaid a
Deas, MacLachlainn agus Stiùbhard.
Tha e inntinneach gun robh uiread de Ghàidheil a’ beachdachadh air imrich a dhèanamh gu ruige New Zealand ʼs gum b’ fhiach leabhran
fhoillseachadh dhaibh anns a’ chànan aca fhèin. Cuimhnicheamaid gun do nochd an leabhran anns an dearbh bhliadhna ʼs a chaidh Achd an Fhoghlaim tron
phàrlamaid. Roimhe sin, bha mòran air a’ Ghàidhealtachd a’ faighinn foghlam dà-chànanach. Bha comas leughaidh ann an Gàidhlig aca. Nuair a ghabh an stàit
foghlam na sgoile thairis, chaidh a’ Ghàidhlig – agus comas leughaidh sa chànan – a sguabadh às.
Chan eil fhios a’m cò rinn an t-eadar-theangachadh. Chanainn gun robh Gàidhlig na cùbaid aige. Tha sin iomchaidh gu leòr airson eadar-theangachadh a
dhèanamh air teacsa a sgrìobh ministear.
Seo earrann bheag bhon leabhran. Tha mi air a’ Ghàidhlig a nuadhachadh an siud ʼs an seo. ‘Dh’fhaodte aire a thoirt do New Zealand mar fhearann a bha
anabarrach falamh a dh’ainmhidhean gus an taobh a-staigh dhen cheud bliadhna mu dheireadh. Tha e glè choltach nach robh beò-ainmhidh a bhuineadh don
dùthaich, ach radain bheaga dhan do chuir na radain Europeanach às ...’
Tha dà rud inntinneach mun earrainn sin. Feumaidh gun robh an t-eadar-theangair a’ cleachdadh ‘beò-ainmhidh’ airson ‘mammal’. ʼS e an rud eile gun
do sgrìobh e ‘Europeanach’ airson ‘European’. An-diugh, chanamaid ‘Eòrpach’.
Tha an cunntas a’ leantainn: ‘... tha eòin glè lìonmhor, agus tha cuid dheth ann an cruthan gu math neònach. Chaidh às do sheòrs’ eòin athach,
struth-chosmhail (ostrich-like) agus tha seòrsachan eile a’ teireachdainn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air adhart.’ Tha e
inntinneach gun do chuir an t-eadar-theangair a’ Bheurla ‘ostrich-like’ ann. Bha e an dùil nach tuigeadh a h-uile duine an abairt
‘struth-chosmhail’ agus chanainn gun robh e ceart.
Tha an leabhran ag innse dhuinn gun robh cuid de dh’eòin – air am biodh daoine eòlach aig an taigh – air an slighe a dhèanamh gu New Zealand, le taic bho
mhac-an-duine: ‘Fhuair a’ chuid as motha de dh’eòin cheòlmhor Bhreatainn gu ruige New Zealand; agus on a thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid, bidh na
h-ionadan-tàimh, gu h-àraidh a’ chuid a th’ air an cuairteachadh le craobhan, gu math coltach ri àrosan Breatannach. ʼS gann a tha adhbhar a bhith ag
ainmeachadh gu bheil eòin-thaighe dhen a h-uile seòrs’ ann an New Zealand, ʼs gu bheil iad a’ cinneachadh gu h-anabarrach ann.’
Agus ainmichidh mi aon rud eile às a’ chunntas aig Mgr Barclay – mu dheidhinn nathraichean. ‘Gu fortanach,’ tha e ag ràdh, ‘chan eil nathraichean nimheil
no biast dhochannach sam bith ann. Tha an tìr cho saor on leithidean ʼs a tha Èirinn fhèin.’ Agus tha sin fìor chun an latha an-diugh. Beannachd leibh.