FaclairDictionary EnglishGàidhlig

'Iain Spàinnteach (1)

Thathar ag innse sgeulachdan ann an Ros an Iar mu airgead Frangach a chaidh a dhìth aig àm ar-a-mach nan Seumasach.

Audio is playing in pop-over.

'Iain Spàinnteach (1)

Thathar ag innse sgeulachdan ann an Ros an Iar mu airgead Frangach a chaidh a dhìth aig àm ar-a-mach nan Seumasach. Tha e coltach nach buin na stòiridhean do mhacmeanmna, ge-tà. Tha tomhas dhen fhìrinn annta.

Tha cunntas mun ghnothach ann an leabhar air a bheil ‘Spanish John’. ʼS e cunntas-beatha a th’ ann – fèin-eachdraidh – air a sgrìobhadh leis a’ Choirneal Iain MacDhòmhnaill à Sgotas ann an Cnòideart. Tha esan a’ cumail a-mach gun deach mìle not a ghoid bhuaithe ann an Dùthaich MhicCoinnich ann an Ros an Iar ann am Bliadhna a’ Phrionnsa. ʼS e fortan a bha sin aig an àm.

Mus tig mi chun an airgid, bu mhath leam innse dhuibh mu bheatha Iain MhicDhòmhnaill, oir tha i gu math inntinneach. Rugadh e ann an Cnòideart ann an seachd ceud deug, fichead ʼs a h-ochd (1728). B’ e fear de dh’uaislean Clann ʼic Dhòmhnaill a bh’ ann – sin Clann ʼic Dhòmhnaill Ghleanna Gharadh.

ʼS e Caitligich a bh’ annta. Nuair a bha e dusan bliadhna a dh’aois, chuir athair e gu ruige a’ Cholaiste Albannach anns an Ròimh, leis an amas gum biodh e na shagart. Ach bha e follaiseach gu math tràth nach robh ar laoch cho dèidheil air beatha sagairt. B’ fheàrr leis a bhith na shaighdear.

Thachair e ri Rìgh Seumas VIII na h-Alba – no The Old Pretender mar a chanadh gu leòr ris – agus fhuair e brosnachadh a dhol do dh’arm na Spàinnte. Bha na Spàinntich aig an àm sin ri cath an aghaidh na h-Ostaire anns an Eadailt. Chaidh Iain gu buidheann shònraichte anns an arm – am Bragàd Èireannach, anns an robh oifigearan Èireannach agus feadhainn à Alba cuideachd. Chaidh am Bragàd a dhèanamh bho thùs nuair a theich arm nan Seumasach a-mach à Èirinn an dèidh Cath na Bòinne, the Battle of the Boyne.

Co-dhiù, ʼs e sin as coireach gur e ‘Spanish John’ a thugadh air Iain MacDhòmhnaill mar fhar-ainm. Cha b’ fhada gus an robh e ann am batail chruaidh, a’ dìon Naples bho na h-Ostrianaich. Chaidh a leòn, agus chuir e seachad ùine san ospadal. Cha robh aodach no airgead air fhàgail aige. Nuair a chuala Rìgh Seumas mun t-suidheachadh aige, chuir e airgead thuige.

Chaidh Iain air ais do dh’arm na Spàinnte. Ach bha aon chluas aige air na bha a’ dol aig an taigh. Bha mac an Rìgh – Teàrlach Òg Stiùbhart – ann am Breatainn, feuch na Stiùbhartaich a chur air ais air a’ chathair rìoghail. Bha arm nan Seumasach ann an Sasainn, a’ dèanamh air Lunnainn.

Rinn Iain tagradh a dhol don Fhraing airson a bhith mar phàirt de dh’fheachd a rachadh a Bhreatainn às leth a’ Phrionnsa. Bha ceithir oifigearan deug eile às a’ am Bhragàd Èireannach còmhla ris. Bha iad an dùil fàilte a chur air Teàrlach Òg nuair a bha e a’ caismeachd a-steach a Lunnainn.

Ach nuair a ràinig iad Paris, fhuair iad droch naidheachd. Bha arm nan Seumasach air stad ann an Derby. Bha iad a’ tilleadh gu tuath. Agus bha an cuan làn shoithichean Breatannach. Bhiodh e cunnartach a dhol a dh’Alba ann an soitheach Frangach. Ach bha Iain deimhinne gun robh e airson a bhith a’ strì airson adhbhar a’ Phrionnsa. Innsidh mi dhuibh mu na thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Litir 904 Litir 904 Litir 906 Litir 906

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!