FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New Zealand and immigration New Zealand agus Luchd-imrich

There is a booklet in front of me just now. It was originally published in 1872.

Audio is playing in pop-over.

New Zealand and immigration

Tha leabhran air mo bheulaibh an-dràsta. Chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn fhada – ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1872). ʼS e an tiotal a th’ air ‘Geàrr-chunntasan air New Zealand airson Feuma Luchd-imrich’. Bha e air a sgrìobhadh leis an Urramach P. Barclay agus air eadar-theangachadh gu Gàidhlig.

Bha uiread de Ghàidheil a’ beachdachadh air imrich a dhèanamh gu ruige New Zealand ʼs gum b’ fhiach leabhran fhoillseachadh anns a’ chànan aca fhèin. Ach ʼs fhiach seo a chuimhneachadh. Nochd an leabhran anns an dearbh bhliadhna ʼs a chaidh Achd an Fhoghlaim tron phàrlamaid. Roimhe sin, bha mòran air a’ Ghàidhealtachd a’ faighinn foghlam dà-chànanach. Bha comas leughaidh aca ann an Gàidhlig. Chuir siostam foghlaim na stàite às dha sin.

Seo earrann bheag bhon leabhran. ‘[Bha fearann New Zealand] anabarrach falamh a dh’ainmhidhean gus an taobh a-staigh dhen cheud bliadhna mu dheireadh. Tha e glè choltach nach robh beò-ainmhidh a bhuineadh don dùthaich, ach radain bheaga dhan do chuir na radain Europeanach às ...’

Tha an t-eadar-theangair a’ cleachdadh ‘beò-ainmhidh’ airson ‘mammal’ agus tha e a’ sgrìobhadh ‘Europeanach’ airson ‘European’. An-diugh, bidh sinn ag ràdh ‘Eòrpach’.

Tha an cunntas a’ leantainn: ‘Chaidh às do sheòrs’ eòin athach, struth-chosmhail (ostrich-like), agus tha seòrsachan eile a’ teireachdainn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air adhart.’ Tha e inntinneach gun do chuir an t-eadar-theangair a’ Bheurla ‘ostrich-like’ ann. Bha e an dùil nach tuigeadh a h-uile duine an abairt ‘struth-chosmhail’. Chanainn gun robh e ceart.

Tha an leabhran ag innse dhuinn gun ‘...d’ fhuair a’ chuid as motha de dh’eòin cheòlmhor Bhreatainn gu ruige New Zealand; agus on a thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid, bidh na h-ionadan-tàimh, gu h-àraidh a’ chuid a th’ air an cuairteachadh le craobhan, gu math coltach ri àrosan Breatannach.’

Ainmichidh mi aon rud eile às a’ chunntas aig Mgr Barclay. ‘Gu fortanach,’ tha e ag aithris, ‘chan eil nathraichean nimheil no biast dhochannach sam bith ann. Tha an tìr cho saor on leithidean ʼs a tha Èirinn fhèin.’ Agus tha sin fìor chun an latha an-diugh. Beannachd leibh.

New Zealand agus Luchd-imrich

Bha seachd gobhair òga aig gobhar. Latha a bha seo, thuirt am màthair ris an fheadhainn òga, ‘Tha mi a’ falbh don choille. Dèanaibh cinnteach nach toir am madadh-allaidh an car asaibh. Bidh sibh ga aithneachadh air a chasan dubha agus air a ghuth gharbh.’

Thàinig gnogadh air an doras. ‘Fosglaibh an doras, a chloinn,’ thuirt guth. ‘Seo ur màthair.’ Ach thuirt a’ chlann, ‘Chan fhosgail. Cha tu ar màthair. Tha guth garbh agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Dh’ith am madadh cailc gheal. Rinn sin a ghuth binn. Thàinig e chun an dorais a-rithist. Ach chunnaic na gobhair òga a chasan. Thuirt iad, ‘Cha tu ar màthair. Tha casan dubh’ agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Chuir am madadh min-fhlùir air a chasan. Thill e gu taigh nan gobhar. ‘Fosglaibh, a chloinn,’ thuirt e. Chunnaic an fheadhainn òga casan bàna. Dh’fhosgail iad an doras.

Dh’ith am madadh iad uile, ach a-mhàin an tè a bu lugha. Bha ise am falach. Nuair a thill a màthair, dh’inns i dhi mar a thachair.

Lorg na gobhair am madadh. Bha e na chadal fo chraobh. Bha rudan a’ gluasad na bhroinn. Bha na gobhair òga fhathast beò! Chuir an t-seann ghobhar a’ ghobhar òg dhachaigh airson sgian, snàthad is snàth fhaighinn.

Leis an sgithinn, gheàrr a màthair brù a’ mhadaidh. Thàinig a h-uile gin dhen fheadhainn bheaga a-mach beò. Dh’iarr am màthair orra clachan fhaighinn. Chuir i na clachan am broinn a’ mhadaidh. Dh’fhuaigheil i am fosgladh dùinte a-rithist. Bha i cho sgiobalta ʼs nach d’ fhairich am madadh-allaidh càil.

Dhùisg am madadh. Bha am pathadh air. Chaidh e gu fuaran. Ach thug tromadas nan clach air tuiteam don uisge. Chaidh a bhàthadh.

ʼS e sgeul Gearmailteach a tha sin ach nochd e ann an Gàidhlig anns an iris Mac-Talla ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1894). Thàinig e gu m’ aire oir bha e o chionn ghoirid anns ‘An Rubha’. ʼS e sin an iris aig Baile nan Gàidheal ann an Ceap Breatainn. Mo bheannachd air an fheadhainn a tha a’ taisbeanadh dualchas nan Gàidheal anns an àite bhrèagha sin.

An Litir Bheag 599 An Litir Bheag 599 An Litir Bheag 601 An Litir Bheag 601

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!