FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Gobhair agus am Madadh-allaidh

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Faolan agus am madadh-allaidh, agus tha madadh-allaidh eile anns an sgeulachd a th’ agam dhuibh an-diugh.

Audio is playing in pop-over.

Na Gobhair agus am Madadh-allaidh

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Faolan agus am madadh-allaidh, agus tha madadh-allaidh eile anns an sgeulachd a th’ agam dhuibh an-diugh.

Bha seann ghobhar ann aig an robh seachdnar ghobhar òga. Latha a bha seo, thuirt i ris an fheadhainn òga, ‘Tha mi a’ falbh don choille. Thoiribh fainear nach toir am madadh-allaidh an car asaibh. Bidh e ag atharrachadh a choltais. Ach bidh sibh ga aithneachadh air a chasan dubha agus air a ghuth gharbh.

Cha robh i air falbh fada nuair a thàinig neacheigin don doras. Thàinig guth – ‘Fosglaibh an doras a chloinn. Seo ur màthair.’ Ach thuirt a’ chlann, ‘Chan fhosgail. Cha tu ar màthair. Tha guth garbh agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Chaidh am madadh gu bùth far an do cheannaich e cailc gheal. Dh’ith e i agus rinn sin a ghuth binn. Thàinig e chun an dorais a-rithist. Ach chunnaic na gobhair òga a chasan a-mach air an uinneig agus thuirt iad, ‘Cha tu ar màthair. Tha casan dubh’ agad. Is tu am madadh-allaidh.’

Chaidh am madadh gu muillear agus fhuair e min-fhlùir air a chasan. Thill e gu taigh nan gobhar. ‘Fosglaibh, a chloinn,’ thuirt e, ‘tha ur màthair air tilleadh bhon choille.’ Choimhead an fheadhainn òga a-mach agus chunnaic iad casan bàna. Dh’fhosgail iad an doras.

Dh’ith am madadh iad uile, ach a-mhàin an tè a bu lugha a chaidh am falach am broinn cloc. Nuair a thill a màthair, thàinig i a-mach agus dh’aithris i na thachair.

Chaidh iad còmhla a choimhead airson a’ mhadaidh. Lorg iad e ann am miadan. Bha e na chadal fo chraobh. Chunnaic a’ ghobhar gun robh rudan a’ gluasad na bhroinn. Bha a leanaban fhathast beò na mhaodail! Chuir i a’ ghobhar òg dhachaigh airson sgian, snàthad is snàth fhaighinn.

Nuair a thill an tè òg, gheàrr a màthair brù a’ mhadaidh agus thàinig a h-uile gin dhen fheadhainn bheaga a-mach. Bha iad beò fhathast. Thuirt am màthair riutha, ‘Faighibh clachan mòra.’ Thill iad leis na clachan agus chuir am màthair am broinn a’ mhadaidh iad. Dh’fhuaigheil i am fosgladh dùinte a-rithist. Bha i cho sgiobalta ʼs nach d’ fhairich am madadh-allaidh càil.

Nuair a dhùisg am madadh, bha am pathadh air. Chaidh e don fhuaran airson uisge fhaighinn. ‘Dè thachair?’ thuirt e ris fhèin. ‘Na gobhair òga nam bhroinn, tha iad air a dhol cho cruaidh ʼs cho trom ri clachan.’

Nuair a ràinig e am fuaran, dh’fheuch e ri òl. Ach thug tromadas nan clach air tuiteam an comhair a chinn a-steach don uisge. Agus chaidh a bhàthadh.

A bheil sibh ag aithneachadh an sgeòil sin? Cha do rinn mi ach geàrr-chunntas dheth. ʼS e sgeul Gearmailteach a th’ ann agus chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Nochd e anns an iris Ghàidhlig à Alba Nuadh – Mac-Talla – ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1894).

Thàinig e gu m’ aire oir nochd an làn-sgeul o chionn ghoirid anns an iris ‘An Rubha’. ʼS e sin an iris aig Baile nan Gàidheal ann an Ceap Breatainn. Dh’atharraicheadh ainm an àite sin bho ‘An Clachan Gàidhealach’ o chionn bliadhna no dhà. Mo bheannachd air Rodney Chaisson, Seumas Watson is càch a tha a’ taisbeanadh dualchas is cànan nan Gàidheal ann. ʼS e àite sònraichte a th’ ann.

Litir 902 Litir 902 Litir 904 Litir 904

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!