Tha e inntinneach a bhith a’ coimhead air mapaichean airson fianais de dh’ainmhidhean a th’ air a dhol à bith. Bhathar a’ coimhead o chionn ghoirid airson
fianais mun lugh no lioncs. Bha an cat mòr sin uairegin beò ann am Breatainn – air a’ Ghàidhealtachd, gu dearbh. Lorgadh cnàmhan dheth ann an uamh ann an
Innis nan Damh ann an Asainte. Fhad ’s as aithne dhomh, ge-tà, chan eil an lioncs a’ nochdadh ann an ainmean-àite ann an Alba.
’S iad na creutairean eile a dh’fhàg cnàmhan anns na h-uamhan ann an Asainte, agus nach eil beò ann an Alba an-diugh – fèidh-shneachda, madaidhean-allaidh,
madaidhean-beaga (no madaidhean Artach) agus mathain. Uill, chan eil sin buileach fìor. Tha fèidh-shneachda, no reindeer, beò anns a’ Mhonadh
Ruadh. Ach thugadh a-steach iad às an t-Suain a dh’aona-ghnothach anns na caogadan dhen linn a dh’fhalbh. Bha iad air a dhol à bith fada roimhe sin ann an
Alba.
Nuair a chithear madadh ann an ainm-àite ann an Alba, a bheil e a’ riochdachadh madadh-ruadh, madadh-allaidh no madadh-beag? Shaoilinn gur e am
madadh-ruadh a thathar ag ainmeachadh anns a’ chuid mhòir dhiubh. Ach, ma tha an t-ainm sean gu leòr, chan urrainn a bhith cinnteach dè am madadh a th’ ann
– ruadh no allaidh. Cha bhiodh e ro choltach gum biodh am madadh-beag air ainmeachadh againne.
Corra uair, tha ruadh anns an ainm – mar eisimpleir ann an Allt a’ Mhadaidh-ruaidh faisg air an Luirg, Càrn a’ Mhadaidh-ruaidh
ann an Srath Chonain agus Sgùrr a’ Mhadaidh-ruaidh ann an Cnòideart. Anns na h-eisimpleirean sin, faodar a bhith cinnteach gur e an sionnach a th’
air ainmeachadh.
Agus am madadh-allaidh? Uill, chan eil allaidh a’ nochdadh air na mapaichean, fhad ’s as aithne dhomh. Ach dè mu na faclan eile airson
madadh-allaidh – faclan mar alla-mhadadh, faol, faol-chù, gladaman, glaoidheaman, coille-chù, cliabhach, ulmhach no mac-tìre? Uill, cha
do lorg mi gin de na h-ainmean sin air ar mapaichean nas motha.
Tha sin a’ fàgail creutair eile, agus cnàmhan dheth air an lorg anns na h-uamhan ann an Asainte – am mathan no math-ghamhainn. Lorg mi dà ainm-àite anns a
bheil am mathan air ainmeachadh ann an Gàidhlig, a rèir choltais.
’S e fear dhiubh Eilean Math-ghamhna air cladach a deas Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal. Nise, chan eil mi cinnteach carson a tha an t-ainm sin
air an eilean bheag sin. A chumadh, ’s dòcha? No a bheil sgeulachd ann mu dheidhinn? Ma tha sibh eòlach air an eilean, agus ainm, bu mhath leam cluinntinn
bhuaibh.
’S e an t-àite eile a lorg mi anns a bheil am mathan air ainmeachadh – Allt Mhathain. Tha an t-allt sin a’ sruthadh eadar loch beag, air a bheil
Loch na Bà Brice, agus abhainn air a bheil Abhainn Gleann Leireag. Agus ’s e an rud a tha inntinneach – an sgìre sa bheil e. Tha e ann an Asainte, faisg
air an Nead. Tha sin dìreach beagan mhìltean air falbh bho uamh anns an d’ fhuair mathan bàs o chionn fhada.
A bheil ceangal ann eadar na dhà? ’S iongantach gu bheil. Tha tomhas-aoise rèidio-charboin ag innse dhuinn gun do bhàsaich am mathan sin
còrr is trì air fhichead mìle bliadhna air ais. Ach an robh a leithid beò fada gu leòr ann an Alba airson a bhith air an ainmeachadh mar
fhiadh-chreutairean ann an ainmean-àite? Chan eil fhios a’m.