Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu ainmeachadh ainmhidhean, a th’ air a dhol à bith ann an Alba, air mapaichean na dùthcha. Chan eil an lioncs
ann idir, chan eilear cinnteach mun mhadadh-allaidh agus tha am mathan a’ nochdadh dà thuras (’s dòcha).
Ach dè mun torc? An torc-nimhe no torc-allaidh – the wild boar. Tha ainmean ann mar An Torc, Allt nan Torc, Allt nan Torcan, An Torc-choire, Allt
an Tuirc, Beinn an Tuirc, Cruach Tuirc, Loch an Tuirc, Meall an Tuirc, Sròn an Tuirc agus Tòrr an Tuirc.
Tha an t-uabhas de dh’ainmean mar sin ann. Ach a bheil sin a’ ciallachadh gun robh an torc fhèin pailt aig aon àm ann an Alba? A bheil na h-ainmean gu lèir
a’ riochdachadh an tuirc-nimhe? Feumaidh sinn a bhith faiceallach mu dheidhinn sin.
Anns a’ chiad dol a-mach, tha am facal torc cuideachd a’ ciallachadh cleft, notch, indentation. Tha torcan a’ ciallachadhlittle cleft. Mar sin, ’s iongantach mura h-eil Allt nan Torcan faisg air an Acha Mhòr ann an Leòdhas a’ ciallachadh the burn of the little clefts. Mas ann às an Acha Mhòr a tha sibh fhèin, ’s dòcha gum bi beachd no eòlas agaibh air an ainm sin. Tha cuideachd
Meall an Torcain a chì gach dràibhear air an rathad eadar Gairbh agus Ullapul air taobh thall Loch a’ Ghlas Chàrnaich.
Agus dè mu dheidhinn Allt nan Torc deas air Tobar Mhoire ann am Muile? The burn of the boars? Tha e faisg air Doire nan Damh agus an Cnoc
Capallach, ach an urrainn a bhith cinnteach gur ann air ainmhidh a tha Allt nan Torc a-mach? Agus tha ciall a bharrachd air torc, a rèir Dwelly – Sod. A special use of it was the sod turned up as a mark to indicate divisions of arable land during the runrig system of cultivation.
Tha Tòrr an Tuirc tuath air cladach Loch Shubhairne faisg air Creag an Taghain agus Creag an Fhithich. A bheil iad le chèile a’ riochdachadh
àiteachan a bha ainmeil airson nam beathaichean sin? ’S dòcha.
Ach dè mu na h-ainmean mar Bad an Tuirc ann an Athall, Beinn an Tuirc ann an Cinn Tìre agus Meall an Tuirc faisg air Baile
Eòghainn ann an Ros an Ear? A bheil iadsan a’ riochdachadh an ainmhidh? A-rithist, ’s dòcha.
Faisg air Meall an Tuirc ann an Ros an Ear, tha Meann Chnoc agus Druim nan Damh – beanntan eile a tha a’ giùlain ainmean bheathaichean. Ach tha Uilleam
MacBhàtair ag innse dhuinn ann am Place Names of Ross and Cromarty gu bheil Cnoc Cèislein, a tha faisg air Meall an Tuirc, a’ ciallachadh cnoc na muice no cnoc na cràine, the hill of the sow. A rèir choltais, nuair a chithear paidhreachadh de dh’ainmean mar sin, tha
‘torc’ a’ buntainn ri cumadh na beinne – gu bheil druim oirre a bha a’ cur ann an cuimhne nan seann Ghàidheal druim an tuirc-nimhe. Bha ar sinnsearan eòlach gu leòr air an torc. Ach chan eil an t-ainm a’
ciallachadh gun robh an torc-nimhe uaireigin pailt anns a’ cheàrnaidh sin.
Ri taobh rathad mòr an A9 aig Druim Uachdair, chì gach dràibhear beinn mhòr air a bheil An Torc, no ann am Beurla, The Boar of Badenoch.
Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.