FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sòthaigh agus Stròma

Bha mi fortanach gu leòr ’s gun do chuir mi

Audio is playing in pop-over.

Sòthaigh agus Stròma

Bha mi fortanach gu leòr ’s gun do chuir mi mo chas air dà eilean shònraichte am-bliadhna. Bha iad le chèile brèagha agus inntinneach, ach gu math eadar-dhealaichte bho chèile. Bha fear dhiubh Gàidhealach agus am fear eile Gallta. Ach, gu mì-fhortanach, anns an dà eilean, chan eil an sluagh tùsail ann a-nise. Air fear dhiubh, chan eil duine a’ fuireach.

Anns a’ Chèitean chaidh mi a Shòthaigh far ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Abair àite brèagha, fo sgàil a’ Chuilthinn. Rinn Gavin Maxwell Sòthaigh car ainmeil oir chuir e gnìomhachas air dòigh ann, anns an robh iad a’ sealg nan cearban. Tha na togalaichean is uidheamachd aige fhathast rim faicinn ri taobh a’ chala.

’S e cala uabhasach fasgach a th’ ann. Ach gu mì-fhortanach, tha òs ann. Agus bidh uisge gu leòr os cionn an òsa airson bhàtaichean dìreach eadar a’ mhuir-làn agus an leth-làn.

Chan ann aig a’ chala a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine a’ fuireach. Bha na taighean aca air cladach Camas nan Gall ann an ceann a deas an eilein. Tha a’ chuid as motha de na taighean ann an staid math gu leòr, agus tha triùir a’ fuireach anns an eilean an-diugh.

Ged a tha e brèagha, chan eil Sòthaigh torrach. Às aonais na mara, bhiodh e fìor dhoirbh a bhith beò ann. A dh’aindeoin sin, bha ceud, caogad ’s a h-ochd (158) daoine a’ fuireach ann ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Ach dh’fhàs cùisean duilich dhaibh. Ann an naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952), chuir an sluagh athchuinge chun an riaghaltais. Bha iad ag iarraidh an t-eilean fhàgail. Anns an Ògmhios naoi ceud deug, caogad ’s a trì (1953) chaidh iad a dh’fhuireach ann am Muile.

’S e an t-eilean eile san robh mi am-bliadhna – Stròma ann an Gallaibh. Tha Stròma nas torraiche na Sòthaigh ach tha e air a chuairteachadh le muir chunnartach. Tha na sruthan mara air leth làidir anns a’ Chaol Arcach. Ged a tha dà ainm-àite Ghàidhlig anns an eilean – no air sgeirean far a chladaich – chan e Gàidheil a bha sna daoine. Chan eil fhios ciamar a fhuair an dà sgeir ainmean Gàidhlig.

Bha sinnsireachd Lochlannach aig mòran de na daoine, chanainn. Bha ainmean orra mar Manson, Sinclair, Simpson agus Robertson. A-nise chan eil sluagh ann. Dh’fhalbh an fheadhainn mu dheireadh naoi bliadhna às dèidh do mhuinntir Shòthaigh falbh. Ged a thogadh cala math dhaibh, bha an sluagh air a dhol ro bheag, agus bha obraichean le deagh thuarastal nan cois ann an Dùnrath, faisg air làimh, air tìr-mòr Ghallaibh.

Ach tha Stròma annasach. Tha na taighean fhathast nan seasamh. Bha iad air an deagh thogail le clach Ghallach. Bho phìos air falbh, bhiodh tu a’ smaoineachadh gun robh an sluagh fhathast ann. Ach, faisg air làimh, chì thu gu bheil na taighean falamh. Chan eil dad anns an eilean ach caoraich.

Air cladach Stròma, bha na bh’ ann de ròin dìreach iongantach. Chan fhaca mi uiread riamh anns an aon àite. Ach, nuair a thàinig dol-fodha na grèine, cha robh iad buileach cho pailt. Air an fheasgar sin, thàinig buidheann mhòr de mhadaidhean-cuain timcheall. Chaidh iad am measg nan ròn agus dh’ith iad an sàth, a’ fàgail na mara dearg air cladaichean Stròma.

Litir 701 Litir 701 Litir 703 Litir 703

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!