Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Niall MacLeòid à Leòdhas. ’S e Niall Odhar a chanadh daoine ris. Bha e air a bhith an sàs ann am murt is
marbhadh fad ùine mhòr. Am measg sin chuir e an teicheadh air na daoine à Fìobh a bha a’ feuchainn ri Leòdhas a ghabhail thairis. Bha e a’ fuireach greis
air Eilean Bhearasaigh far cladach an iar Leòdhais, faisg air Beàrnaraigh.
Bha Niall a-nise air beulaibh na croiche ann an Dùn Èideann. Bha e an dòchas gun tigeadh òrdugh maitheanais aig a’ mhionaid mu dheireadh. Ach cha tàinig.
Bha e air a chrochadh. An uair sin bha a cheann air a ghearradh far a chuirp.
Ach thug e rùn-dìomhair leis don chroich. Fhuair e a-steach air spùinneadair Sasannach, Peter Love. Nochd Love far taobh siar Leòdhais ann
an sia ceud deug is deich (1610). Bha stòras mòr de dh’ionmhas aige anns an luing aige. Rinn MacLeòid brath air an t-Sasannach. Thug e seachad don
riaghaltas e. Agus chaidh Love a chrochadh ann an Lìte.
Ach chùm MacLeòid ionmhas an t-Sasannaich. Bha seudan ann, buinn òir, gunnaichean, truinnsearan airgid, bèin, spìosraidhean agus siùcar. A rèir choltais,
cha robh sgeul air na rudan sin às dèidh bàs Love. Agus chan eil sgeul orra chun an latha an-diugh – ann an clàraidhean a’ Chrùin no ann am beul-aithris
Leòdhais. ’S iongantach mura deach an cur fon talamh ann am badeigin – ’s dòcha fon ghainmhich ann an Sgìre Ùige. Saoil am bi e coltach ri Fir-tàilisg
Leòdhais, ’s gun nochd iad a-rithist uair no uaireigin?
Nuair a bha na Fìobhaich a’ feuchainn ri Leòdhas a ghabhail thairis, bha iad an sàs ann an iomairt dhen t-seòrsa a bhiodh a’ comharrachadh Ìmpireachd
Bhreatainn. Aig deireadh an t-seachdamh linn deug, dh’fheuch Albannaich ri tuineachas a dhèanamh ann an Darien ann an Meadhan Ameireagaidh. Cha do
dh’obraich e. Bha na h-Albannaich na b’ fheàrr air ìmpireachd a thogail nuair a bha iad mar phàirt de Bhreatainn.
Còrr is ceud bliadhna às dèidh tuineachadh Darien, bha Albannach eile an sàs ann an iomairt airson a cho-nàiseantaich a thàladh gu meadhan Ameireagaidh. An
turas seo, bha e a’ sanasachd dùthaich nach robh ann. ’S e foillear a bh’ anns an duine sin.
Rugadh Griogair MacGriogair ann an Dùn Èideann ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786). Bha e ann an arm Bhreatainn agus bha e a’ sabaid ann am
Portagail ’s an Spàinn. Ach fhuair e fios mu na h-iomairtean airson saorsa a bha a’ dol ann an Ameireagaidh a Deas. Bha sin tarraingeach dha, agus
dh’fhalbh e gu ruige Bhenesuèla.
Às dèidh beagan bhliadhnaichean ann an Ameireagaidh a Deas agus Meadhan Ameireagaidh, thill MacGriogair a Bhreatainn cuide ri a bhean bhrèagha, Josefa
Andrea Lovera. Bha ise càirdeach do cheannard luchd-strì na saorsa – Simón Bolívar. Dh’innis MacGriogair do dhaoine ann an Lunnainn gun robh àrd-dhreuchd
is tiotal aige – His Serene Highness Gregor I, Prince of Poyais. Dh’inns e cuideachd gun robh e ann an sliochd Rab Ruaidh MhicGriogair. Fhuair e
cuireadh a nochdadh air beulaibh an Rìgh, Deòrsa IV. Dh’inns e don a h-uile duine mu Phoyais – dùthaich iongantach bheartach thorrach a bha làn choilltean
agus – ’s dòcha – làn òir. Dùthaich nach robh ann! Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn a’ ghnothaich an-ath-sheachdain.