FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Niall MacLeòid

A rèir beul-aithris ann an Eilean Leòdhais, thuirt fear ainmeil

Audio is playing in pop-over.

Niall MacLeòid

A rèir beul-aithris ann an Eilean Leòdhais, thuirt fear ainmeil na faclan a leanas o chionn còrr is ceithir cheud bliadhna: “ Nam bithinn air deic luinge far am bu duilich do fhear seasamh, stiùireadh na mara gu tric, cha bhodach mise dhut, a mhacain.” Nise, chan eil mi buileach cinnteach mun Ghàidhlig – agus co-dhiù tha i uile-gu-lèir ceart. Ach sin mar a thathar ag aithris na cùise. Agus cò bha anns an duine nach robh toilichte gun do ghabh fear eile “bodach” air? Niall MacLeòid. Thuirt e na faclan sin ann an Dùn Èideann air an treas latha dhen Ghiblean sia ceud deug is trì-deug (1613). Bha an crochadair a’ feitheamh ris.

Aig deireadh an t-siathamh linn deug agus toiseach an t-seachdamh linn deug, chaidh buidheann de Ghoill à Fìobh gu ruige Steòrnabhagh. Bha iad ag amas air tuineachas a dhèanamh, agus Leòdhas a dhèanamh Gallta agus dìleas don Rìgh, Seumas VI. Sheas Niall MacLeòid, Niall Odhar, agus Leòdaich eile, nan aghaidh. Thug iad ionnsaigh air dùn nam Fìobhach. Rinn iad sgrios air, agus chuir iad na Fìobhaich air ais gu tìr-mòr. Bhiodh cuid a’ tomhas Nèill mar eucoireach. Ach, mura b’ e Niall agus a chàirdean, am biodh Eilean Leòdhais air a Ghàidhlig a chall o chionn fhada?

Bha an riaghaltas ann an Dùn Èideann mì-thoilichte. Thug iad cead do cheann-cinnidh Clann ’ic Coinnich Chinn Tàile a dhol an tòir air Niall às leth a’ Chrùin. Chaidh Niall agus buidheann de luchd-taice a dh’fhuireach ann an eilean beag Bhearasaigh far cladach an iar Leòdhais.

Fhad ’s a bha Niall ann am Bearasaigh, fhuair e a-steach air spùinneadair Sasannach. As t-samhradh sia ceud deug is deich (1610), nochd an long, am Priam, ann an uisgeachan taobh an iar Leòdhais. B’ e Peter Love an sgiobair oirre. Bha Love, a rèir aithris, a “Lewis” eile – Lewes ann an Sussex. Bha stòras mòr aige de rudan luachmhor air bòrd.

Thug Niall comraich do Love. Ach rinn e brath air. Chuir e Love agus a chriutha ann an grèim agus thug e seachad iad don riaghaltas. Bha MacLeòid an dòchas maitheanas fhaighinn bhon riaghaltas airson na rinn e air na Fìobhaich. Ach cha d’ fhuair. Agus chaidh Love a chrochadh gu bàs ann an Lìte ann an sia ceud deug is deich (1610).

A rèir beul-aithris, dh’fhàg Niall Bearasaigh nuair a chuir Clann ’ic Coinnich mnathan is càirdean an fheadhainn anns an eilean air sgeir a bhiodh air a còmhdachadh leis an làn. Chaidh Niall gu ruige Na Hearadh far an do chuir e e fhèin ann an làmhan a’ chinn-chinnidh, Ruairidh MacLeòid. Bha Ruairidh a’ dol a thoirt Nèill a Lunnainn airson coinneachadh ris an Rìgh. Ach nuair a ràinig iad Glaschu, dh’iarradh air Ruairidh Niall a thoirt a Dhùn Èideann, agus rinn e sin.

Thàinig latha a’ chrochaidh. Bha Niall dhen bheachd gun tigeadh òrdugh maitheanais aig a’ mhionaid mu dheireadh. Cha robh e ann an cabhaig an ròp fhaighinn timcheall amhaich. Bha fear de na crochadairean mì-fhoighidneach. “Come on, Bodach,” thuirt e, “we haven’t got all day.” Dh’èigh MacLeòid, “Nam bithinn air deic luinge far am bu duilich do fhear seasamh, stiùireadh na mara gu tric, cha bhodach mise dhut, a mhacain.” Ach an tàinig maitheanas aig a’ mhionaid mu dheireadh? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

Litir 582 Litir 582 Litir 584 Litir 584

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!