Bha mi riamh dhen bheachd gur e ainm snog a th’ ann an Steòrnabhagh no, ann am Beurla, Stornoway. Mar a tha mòran ainmean-àite ann an
Leòdhas, buinidh e do dhualchas nan Lochlannach. Tha mi ’n dùil gur e Stjórnarvágr a chanadh na Lochlannaich ris, a’ ciallachadh bàgh na stiùrach no bàgh an stiùiridh. Chithear an aon seòrsa ainm air taobh an iar an eilein ann an Càrlabhagh no Carloway. ’S e Karlavágr an seann ainm air, a’ ciallachadh bàgh Charl no Karl’s bay.
Nise, bidh sibh uile a’ beachdachadh air a’ bhaile as motha anns na h-Eileanan an Iar, mar a tha mise, ach tha Stornoway eile ann an Alba. A bheil
fios agaibh ca’ bheil e? Uill, ’s e loch a th’ ann. Ma choimheadas sibh air a’ mhapa de dh’Earra-Ghàidheal, chì sibh, ann an ceann a deas Chnapadail, Loch Stornoway, no Loch Stornua ann an Gàidhlig.
Dè bha anns a’ chumantas eadar an dà àite? Carson a chuir na maraichean Lochlannach an t-aon ainm air na dhà? Chan eil mi cinnteach agus, ma tha smuain
agaibh, bu mhath leam a cluinntinn. Tha an loch-mara a tha a’ giùlain an ainm ann an Cnapadal dìreach gu siar air Loch an Tairbeirt an Iar – loch mòr a
bhiodh cudromach mar phort. Am biodh na seòladairean a bha a’ dèanamh air Loch an Tairbeirt a’ stiùireadh a dh’ionnsaigh Loch Stornua nuair a thigeadh iad
timcheall ceann a deas Ìle leis nach fhaiceadh iad Loch an Tairbeirt oir bha ceann a tuath Ghiogha anns an rathad orra?
Tha Steòrnabhagh Leòdhais nam cheann an-dràsta oir tha mi dìreach air a bhith ann. Bha mi cuideachd a’ leughadh leabhar ùr inntinneach mu eachdraidh a’
chaisteil – sin Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh. Tha an leabhar – The Castles of the Lews le Peter Cunningham – làn fiosrachaidh mu
eachdraidh a’ bhaile. Agus dh’ionnsaich mi rud iongantach air duilleagan an leabhair mu Steòrnabhagh. ’S e sin gun do dh’fheuchadh ri ainm a’ bhaile
atharrachadh. Saoilidh mise gu bheil Stornoway furasta ri ràdh agus ri litreachadh ann am Beurla. Agus tha e snasail air an teangaidh cuideachd.
Ach, a rèir choltais, cha robh a h-uile duine sàsaichte leis.
Sgrìobh Fear-casaid a’ Chrùin ann an Steòrnabhagh, fear Tòmas Druimeanach, ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834) don bhall-phàrlamaid Seumas
Stiùbhart-MacCoinnich le moladh gun cuirte ainm ùr air a’ bhaile. Nise, tha fhios a’m gur e litir Ghàidhlig a tha seo, ach saoilidh mi gun
còrd e ribh criomag dhen litir a chluinntinn anns a’ Bheurla anns an deach a sgrìobhadh: “ Respected Sir... In the first place I would suggest the
propriety of changing the name of Stornoway, which has no meaning whatever so far as I can learn, and which to the ear of all Lowlanders sounds harsh, and
indeed is often pronounced “Stormaway” and gives strangers a wild idea of this country which it is undeserving thereof...”
Uill... ceart gu leòr, ’s dòcha... ach bha beachd aig an Druimeanach air dè an t-ainm ùr a bu chòir a bhith air a’ bhaile. Agus tha eagal orm gu feum
sibh feitheamh chun na h-ath-sheachdain airson faighinn a-mach dè bh’ ann. Ach, na gabhaibh dragh. ’S e Steòrnabhagh a bh’ air, a th’ air agus a bhitheas
air!