Bidh daoine ag ràdh “cho carach ris an t-sionnach”, ach a bheil beathach ann a tha nas caraiche na sionnach? Seo agaibh stòiridh traidiseanta mun nios, no neas. ’S e sin a’ Ghàidhlig air weasel. Tha e a’ tighinn à taobh Loch Laomainn.
Anns a’ choille bha sionnach a’ fuireach. Bhiodh e a’ falbh gach oidhche airson creach a thogail air cearcan na nàbaidheachd. Ach, a bharrachd air cearcan,
bha e gu math measail air coineanaich no rabaidean. Chuir sin dragh mòr air nios anns an sgìre. Bha esan dhen bheachd gur ann leis-san a bha na rabaidean
gu lèir.
Gu mì-fhortanach don nios, bha an sionnach mòran na bu làidire agus na bu chomasaiche air sealg. ’S ann tric a bhiodh an nios a’ dol a chadal gun suipear
fhad ’s a bha an sionnach a’ gabhail dìnnear mhòr de rabaidean.
Latha a bha seo, chunnaic an nios cothrom airson dìoghaltas a ghabhail air an t-sionnach. Bha e a-muigh a’ sealg agus thàinig e air a’ gheamair. Bha an
geamair na shuain chadal aig bonn craoibhe. Ri a thaobh bha a ghunna, a bhogsa snaoisein agus còig paidhrichean de rabaidean sultmhor.
Thog an nios na rabaidean fear ma seach agus thug e gu oir na coille iad. Thog e am bogsa snaoisein cuideachd agus dh’fhalbh e leis. An uair sin chaidh e
a-mach a lorg an t-sionnaich.
“Thig is faic an t-suipear mhòr agam,” thuirt e ris an t-sionnach.
“Agus dè ghlacadh nios beag a bhiodh inntinneach do shàr-shealgair mar a tha mise?” thuirt an sionnach. Bha e ruideigin mòr às fhèin.
“Tha deich rabaidean sultmhor agam,” thuirt an nios gu pròiseil. “Thig is coimhead.”
Dh’fhalbh an sionnach leis an nios agus, ceart gu leòr, bha deich rabaidean ann marbh air an talamh. “Is math a rinn thu, a charaid bhig,” thuirt an
sionnach, “ach ciamar a ghlac thu deich rabaidean?”
“Bha e furasta,” fhreagair an nios. “Rinn mi snotadh air an fhùdair dhraoidheil aig a’ gheamair. Thàinig neart mòr orm agus b’ urrainn dhomh ruith na bu
luaithe na rabaid sam bith.”
Choimhead an sionnach air a’ bhogsa shnaoisein. Bha ùidh aige ann. “Am feuch thu fhèin e?” thuirt an nios. Fhreagair an sionnach gum feuchadh.
“Ceart, ma-thà,” ars an nios. “Fosgail am bogsa. Dèan snotadh air an fhùdair a tha na bhroinn. Cuiridh mi geall nach bi do leithid ann airson neart no
luaths.”
Dh’fhosgail an sionnach am bogsa. Chuir e shròn ann agus rinn e snotadh mòr. Rinn e nuall mòr agus sreathartaich gun sgur. Dh’fhalbh an nios agus bhìd e
cluas a’ gheamair. Dhùisg agus dh’èirich an geamair. Chuala e an othail anns a’ choille agus thog e a ghunna. An ceann greis chuala an nios brag gunna.
Air an oidhche sin, chaidh an nios dhachaigh seachad air taigh a’ gheamair. Bha earball an t-sionnaich crochte air tarrag faisg air an doras. Bha fios aig
an nios gum biodh na rabaidean aigesan a-nis, ’s nach cuireadh sionnach dragh sam bith air. Agus sin mar a rinn an nios carach a’ chùis air an t-sionnach
nach robh buileach cho carach ris.