FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Rìgh agus an Searrach (2)

Tha mi a’ leantainn leis an stòiridh An Rìgh agus

Audio is playing in pop-over.

An Rìgh agus an Searrach (2)

Tha mi a’ leantainn leis an stòiridh An Rìgh agus an Searrach. Thuirt an rìgh ris an duine, “Thig air ais an seo a-màireach. Mura h-inns thu dhomh gu dè as luaithe a th’ air an t-saoghal, caillidh thu do cheann.”

Chaidh an duine dhachaigh. Bha dragh air. Dh’fhaighnich a nighean dheth gu dè bha a’ cur air. Dh’inns e mar a bha.

“Carson nach do dh’inns sibh don rìgh nuair a bha sibh thall a-staigh aige?” thuirt an nighean.

“Dè dh’innsinn dha?” dh’fhaighnich a h-athair.

“Nach robh sian air an t-saoghal cho luath ris an smaoineachadh,” fhreagair a nighean. “A bheil thu fhèin dhen bheachd,” ars esan, “gu bheil smaoineachadh cho luath sin?” “Nach eil fios agaibh gu bheil, athair,” ars ise. “Faodaidh sibh a bhith an seo agus faodaidh ur smuaintean a dhol sa mhionaid gu taobh thall an t-saoghail. Chan eil eun no creutair eile a rachadh gu taobh thall an t-saoghail cho luath sin.”

“Tha sin fìor,” ars an duine. Air an làrna-mhàireach, dh’fhalbh e don chaisteal. “Thàinig thu,” thuirt an rìgh.

“Thàinig, ur Mhòrachd,” ars an duine. “Agus dè an rud as luaithe air an t-saoghal?”

“Chan eil nì air an t-saoghal cho luath ri smaoineachadh.” “Tha an t-each agam nas luaithe na sin,” thuirt an rìgh.

“Chan eil, le ur cead,” ars an duine. “Faodaidh ur smuaintean a bhith air taobh thall na rìoghachd ann an tiotan. Chan eil each sam bith cho luath sin.”

“A,” ars an rìgh, “tha mi riaraichte le sin. Ach tha mi a’ dol a chur ceist eile ort. Cò tha a’ fuireach còmhla riut?”

“Tha mo nighean a’ fuireach còmhla rium,” fhreagair an duine. “Seadh,” ars an rìgh. “Tha mi ag iarraidh do nighean a phòsadh.”

“Faodaidh sibh sin,” thuirt an duine. “Tha e aig a toil fhèin. Chan iarr mise oirre ur pòsadh, ’s cha mhotha a bhacas mi i.”

“Tha sin math gu leòr dhomh,” thuirt an rìgh. “Gabhaidh mi ris a sin.”

Choinnich an rìgh ris an nighinn. Dh’aontaich i a phòsadh. Ach thuirt an rìgh gun robh e a’ dol a chur cùmhnant air a’ phòsadh.

“Ceart, ma-thà,” ars an nighean. “Cluinneam an cùmhnant.”

“Uill, seo an cùmhnant,” ars an rìgh. “Ma thig sìon eadarainn, feumaidh tu an caisteal fhàgail.”

“Tha sin math gu leòr,” ars ise. “Ach feumaidh mise cùmhnant a dhèanamh cuideachd.”

“Seadh,” ars esan, “tha sin iomchaidh gu leòr.”

“Ma thig sìon eadarainn,” thuirt i, “fàgaidh mi an caisteal ach faodaidh mi trì eallaich a thoirt leam a-mach às a’ chaisteal.”

“Tha sin math gu leòr,” ars an rìgh. Agus phòs iad. An ceann greis rugadh leanabh gille dhaibh. Chaidh bliadhna seachad.

Bha tuathanach a’ fuireach faisg air làimh. Bha làir aige, agus bha searrach aig an làir. ’S e searrach làidir a bh’ ann. Latha a bha seo, chaidh an làir agus an searrach don bheinn. Bha eich aig an rìgh air a’ bheinn. Bha, agus gearran cuideachd. Le “gearran” tha mi a’ ciallachadh “each fireann a bh’ air a spothadh”. Agus, air adhbhar air choreigin, chaidh an searrach air ais a dh’ionnsaigh stàball a’ chaisteil leis a’ ghearran.

Thuirt an rìgh gur ann leis-san a bha an searrach. Cha b’ urrainn don tuathanach fhaighinn air ais. Dè bha a’ dol a thachairt? Cuiridh mi crìoch air an sgeulachd an ath-sheachdain.

Litir 560 Litir 560 Litir 562 Litir 562

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!