The King and The Foal (2)
I am continuing with the story
“The King and the Foal”. The
king said to the man, “Come here
tomorrow. If you don’t tell me
what is swiftest in the world, you’ll
lose your head.”
The man went home. “Tell the
king,” his daughter said, “that
there’s nothing as swift as
thinking. You can be here and your
thoughts can go in an instant to
the other side of the world. There
is no creature as swift as that.”
The man was satisfied. The
next morning he went to the castle.
“And what is the swiftest
thing in the world?” said the king.
“There is nothing in the
world as swift as thinking.”
My horse is swifter than
that,” said the king.
“No,” said the man. “Your
thoughts can be at the other side of
the kingdom in a moment. There is
no horse as swift as that.”
“Ah,” said the king, “I’m
satisfied with that. But I’m going
to ask you a question. Who lives
with you?”
“My daughter,” the man answered.
“Okay,” said the king. “I want to marry your daughter.” But the king put a condition on the marriage. “Here is the condition,” he said. “If anything comes between us, you will have to leave the castle.”
“That’s good enough,” she said. “But I also have a condition. If anything comes between us, I’ll leave the castle. But I’ll be taking three loads out of the castle.”
“That’s good enough,” said the king. They married. In time, a baby boy was born to them.
There was a farmer nearby. He had a mare. The mare had a foal. One day, the mare went to the mountain. The king had horses on the mountain. He also had a gelding. The foal went back to the castle with the gelding.
The king said the foal was his. The farmer couldn’t get the foal back. What was going to happen? I’ll bring the story to a conclusion next week.
An Rìgh agus an Searrach (2)
Tha mi a’ leantainn leis an stòiridh An
Rìgh agus an Searrach. Thuirt an rìgh
ris an duine, “Thig an seo a-màireach.
Mura h-inns thu dhomh gu dè as
luaithe air an t-saoghal, caillidh thu do
cheann.”
Chaidh an duine dhachaigh.
“Can ris an rìgh,” thuirt a nighean,
“nach eil sìon ann a tha cho luath ris
an smaoineachadh. Faodaidh sibh a
bhith an seo agus faodaidh ur smuaintean a dhol sa mhionaid gu taobh thall
an t-saoghail. Chan eil creutair sam
bith cho luath ri sin.”
Bha an duine riaraichte. An ath
mhadainn chaidh e don chaisteal.
“Agus dè an rud as luaithe air
an t-saoghal?” thuirt an rìgh.
“Chan eil nì air an t-saoghal
cho luath ri smaoineachadh.”
“Tha an t-each agam nas
luaithe na sin,” thuirt an rìgh.
“Chan eil,” ars an duine.
“Faodaidh ur smuaintean a bhith air
taobh thall na rìoghachd ann an tiotan.
Chan eil each sam bith cho luath ri
sin.”
“A,” ars an rìgh, “tha mi
riaraichte le sin. Ach tha mi a’ dol a
chur ceist eile ort. Cò tha a’ fuireach
còmhla riut?”
“Tha mo nighean,” fhreagair an
duine.
“Seadh,” ars an rìgh. “Tha mi ag iarraidh do nighean a phòsadh.” Ach chuir an rìgh cùmhnant air a’ phòsadh. “Seo an cùmhnant,” thuirt e. “Ma thig sìon eadarainn, feumaidh tu an caisteal fhàgail.”
“Tha sin math gu leòr,” ars ise. “Ach tha cùmhnant agamsa cuideachd. Ma thig sìon eadarainn, fàgaidh mi an caisteal. Ach bidh mi a’ toirt trì eallaich a-mach às a’ chaisteal.”
“Tha sin math gu leòr,” ars an rìgh. Phòs iad. An ceann greis rugadh leanabh gille dhaibh.
Bha tuathanach faisg air làimh. Bha làir aige. Bha searrach aig an làir. Latha a bha seo, chaidh an làir agus an searrach don bheinn. Bha eich aig an rìgh air a’ bheinn. Bha, agus gearran. Chaidh an searrach air ais don chaisteal leis a’ ghearran.
Thuirt an rìgh gur ann leis-san a bha an searrach. Cha b’ urrainn don tuathanach an searrach fhaighinn air ais. Dè bha a’ dol a thachairt? Cuiridh mi crìoch air an sgeulachd an ath-sheachdain.