Tha mi a’ dol a thoirt facal ùr dhuibh. Barbrag. Uill, tha mi an dùil gu bheil e ùr don chuid as motha agaibh. Dè th’ ann am barbrag? ’S e lus
a th’ ann – lus dùthchasach air a bheil barberry ann am Beurla. Tha luchd-saidheans eòlach air mar Berberis vulgaris.
Chan eil an t-ainm barbrag ag innse dhuinn mòran mun lus fhèin. Ach tha dà ainm Ghàidhlig eile air a shon a tha a’ dèanamh nàdar de
thuairisgeul air – am preas deilgneach agus preas nan geur-dhearc. Tuigidh sibh gu bheil an lus deilgneach, no
droighneach. Agus tuigidh sibh nach eil blas milis air a chuid dhearcan.
Carson a tha m’ inntinn air a’ bharbraig an-diugh? Uill, tha a chionn ’s gun robh mi a’ coimhead airson ainm Gàidhlig air lus de sheòrsa eile – am Mahonia. Cha do lorg mi a leithid – ach tha Mahonia agus Berberis dlùth-chàirdeach do chèile. Tha iad anns an aon teaghlach
– na Berberidaceae.
Tha Berberis de sheòrsa eile a’ fàs anns an leas agam. Tha, agus dà sheòrsa de Mahonia. Tha Mahonia aquifolium agam – lus
brèagha leis an ainm Bheurla Oregon Grape. Tha e dùthchasach do thaobh an iar Ameireagaidh a Tuath. Agus tha Mahonia napaulensis agam
– lus làidir le duilleagan car coltach ri duilleagan cuilinn, air am bi dìtheanan buidhe a’ nochdadh – gu snog – ann am meadhan a’
gheamhraidh.
Ach carson a tha Mahonia napaulensis air m’ inntinn? Uill, a chionn ’s gum faca mi e o chionn ghoirid a’ fàs – gu nàdarrach ann an coille –
anns an dùthaich dham buin e. Ma tha sibh tuigseach mu ainmean lusan, tuigidh sibh gum buin Mahonia napaulensis do Neapal. Bha mi anns a’
Hiomaileatha. Agus tha an lus sin a’ fàs anns na coilltean Hiomaileathach mar phreas no eadhon mar chraobh bheag.
Chan eil ainm Gàidhlig agam air a shon ach, mar a bhiodh dùil, tha ainm Neapalach ann – mandre chutro. Agus thathar ga chleachdadh anns an
dòigh seo gu traidiseanta: bithear a’ faighinn sùgh bhon rùsg, bithear ga ghoil agus, nuair a tha e fuar, bithear ga chur air sùil duine a tha feumach
air. Tha e na leigheas airson neul-sùla, rud ris an canar ann am Beurla “cataract”– neul-sùla. Chan urrainn dhomh a ràdh co-dhiù tha e ag
obair mar leigheas gus nach eil.
Chan eil fios agam cò a’ chiad duine a thug Mahonia napaulensis a-mach à Neapal gu ruige dùthchannan an taoibh an iar, ach tha deagh theans
gur e Albannach a bh’ ann. Tha e iongantach na bh’ ann de dh’Albannaich a chruinnich lusan thall thairis anns an ochdamh is naoidheamh linn deug. Tha
mi cinnteach gun cuala sibh mu Dhaibhidh Dùbhghlas à Siorrachd Pheairt a thug ainm do Ghiuthas an Dùbhghlasaich no an Douglas Fir.
Ach bha gu leòr eile ann à Alba a rinn an dearbh sheòrsa rud thall thairis – daoine mar Sheòras Forrest ann an Sìonaidh, Daibhidh Lyall ann an Ameireagaidh
a Tuath agus Sealan Nuadh, agus Raibeart Fortune ann an Sìonaidh agus Iapan; ’s e Fortune a thug Mahonia japonica a Bhreatainn.
Am measg an luchd-cruinneachaidh bha co-dhiù dithis aig an robh Gàidhlig. Bheir sinn sùil air beatha fear aca an ath-sheachdain.