Tha genus de lusan ann an Ameireagaidh a Tuath ris an canar Frasera – mar eisimpleir Frasera speciosa. Tha iad càirdeach do
na ‘gentians’ againne no lusan a’ chrùbain ann an Gàidhlig. Chaidh an genus ainmeachadh airson fear Fraser no Friseal – a
bha am measg an luchd-cruinneachaidh lusan a b’ ainmeile ri a linn. Chan e a-mhàin gun robh e Albannach a tha inntinneach dhuinn, ach gun robh Gàidhlig
aige.
Rugadh Iain Friseal ann an seachd ceud deug is leth-cheud (1750) ann an Tom na Croise ann am Bràigh na h-Àirde faisg air Inbhir Nis. Bha athair –
Dòmhnall Friseal – na thuathanach no croitear. ’S e Gàidhlig a bh’ aca a-staigh, ged a tha dùil gun robh a’ Bheurla Shasannach is Albais aig Iain
cuideachd.
Nuair a bha e fichead bliadhna a dh’aois no mar sin, ghluais e a Lunnainn agus dh’fhosgail e bùth, a’ reic clò. Bha e a’ fulang aig amannan leis a’
chaitheamh agus, a rèir choltais, ’s ann airson leigheas fhaighinn don ghalar sin a fhuair e turas a dh’Alba Nuadh ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a
dhà (1782). Bha e pòsta le dithis ghillean òga aig an àm. Thagh e Alba Nuadh oir bha e fhèin is an t-Admaral Iain Caimbeul mòr aig a chèile – agus
fhuair an Caimbeulach dreuchd mar Riaghladair Alba Nuaidh.
’S ann nuair a bha e thall an sin a thòisich Friseal air lusan a chruinneachadh. Chuir e a dhreuchd mar cheannaiche clò an dàrna taobh. Agus cha do
thill e thuice airson a’ chòrr de a bheatha.
An ceann greis bha e sna Carolinas agus Georgia. Fhuair e eòlas air fear Frangach, André Michaux, a bha a’ cruinneachadh lusan airson Riaghaltas na
Frainge, agus rinn iad obair còmhla. Agus bha e ann an conaltradh le Albannach eile, Uilleam Forsyth, a bha na phrìomh ghàirnealair don Rìgh ann an
Lunnainn.
Chuir Friseal seachad ùine ann an “Dùthaich nan Innseanach” mar a ghabh e fhèin oirre. Bha na Cherokee ris an do thachair e laghach is sìtheil, agus
lìon e bogsaichean le lusan. Agus thachair e ri fear Tòmas Bhaltair a bha a’ cur crìoch air leabhar mòr mu lusan Charolina. Tha e coltach gun do
dh’aontaich Friseal an leabhar a chur an clò nuair a thilleadh e a Shasainn. Ach chaochail Bhaltair goirid mus do thòisich Friseal air a shlighe
dhachaigh ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1788).
Nuair a thill Friseal a Bhreatainn, thug e leis trithead mìle sampall de lus (a bha marbh) agus grunn bhogsaichean de lusan beò. Bha e gun sgillinn
ruadh, ge-tà, agus reic e mòran de na lusan. Ach tha e coltach nach robh sin a rèir an aonta a bh’ aige le feadhainn a chur airgead don phròiseact
aige. Ghabh cuid dhiubh air an t-sròin e. Nam measg bha fear de na lus-eòlaichean as ainmeile anns an t-saoghal – Sir Iòsaph Banks.
Co-dhiù, fhuair am Frisealach airgead gu leòr airson am Flora Caroliniana aig Bhaltair fhoillseachadh.
Bha ionad-àraich lusan aige ann an Lunnainn a bha a’ còmhdachadh dusan acaire. Bha e a’ reic lusan Ameireaganach, a bha gu mòr anns an fhasan. Ach bha
ceangal aig Friseal cuideachd don Ruis agus, a rèir cuid, don Bhan-ìmpire as ainmeile ann an eachdraidh na dùthcha sin. Innsidh mi tuilleadh anns an ath
Litir.