Halò a-rithist. Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd thraidiseanta às a’ Bhràigh Mhòr ann an Gallaibh – Bodach Dubh na Mòr-bheinne.
Bha na fir an tòir air a’ Bhodach air an t-seachdamh latha dhen Iuchar. Ruith am Bodach air falbh aig peilear a bheatha a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne.
Dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas. Ach cha tàinig an ceò an turas seo. Cha robh cumhachd mar sin aige air an
t-seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos.
Chunnaic na daoine am Bodach, agus e a’ dol à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Nuair a chaidh na fir faisg air an fhosgladh, chuala iad
am Bodach. Bha e fhathast ag èigheach faclan dìomhair ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas.
Bha am Bodach air clach uachdarach a’ mhuilinn a chur thairis air an fhosgladh. Chuir sin stad air na daoine. Agus bha e cunnartach dhaibh tighinn
faisg, oir bha am Bodach a’ losgadh saighdean tro shùil na bràthan – ’s e sin an toll anns a’ chloich. Mu dheireadh, fhuair na fir faisg gu leòr. An
uair sin thilg am Bodach a’ chlach don taobh agus leum e a-mach. Ach cha robh e a’ gluasad gu siùbhlach. Bha e cuagach. Chaidh e air falbh agus chaidh
na fir a-steach don uaimh aige.
Abair an sealladh! Bha an uamh làn seudan is rudan prìseil de gach seòrsa. Chuir na fir saighead anns an talamh gus nach cailleadh iad am fosgladh,
agus ruith iad às dèidh a’ Bhodaich. Loisg iad saighdean air, ach cha d’ fhuair na saighdean tro a chraiceann. Ge-tà, bha na fir air ròpan a chur anns
an fhraoch. Thuit am Bodach thairis air fear de na ròpan. Chuir na fir an grèim e agus cheangail iad e leis an ròp.
Dh’iarr am Bodach orra a bhith tròcaireach dha. “Thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha,” thuirt e. “Ma mharbhas sibh mi, chan fhaigh sibh m’ ionmhas
gu bràth.” “Amaideas!” thuirt na fir. “Ciamar a bheir e an t-ionmhas bhuainn nuair a tha e marbh?”
“Thug mi crodh, biadh is ionmhas bhuaibh, ceart gu leòr,” thuirt am Bodach, “ach cha do mharbh mi aon duine. ’S e beatha duine an rud as prìseile fon
ghrèin agus am fear a bheir beatha duine air falbh, cha bhi e beartach a-chaoidh. Tha na cnuic agus na beanntan a’ toirt biadh dhuibh agus, mar
dhìoladh, tha mi air a bhith a’ toirt cuid de ur n-ionmhas.”
Bha am Bodach, a rèir choltais, a’ riochdachadh spiorad na beinne. Ach cha robh fir a’ Bhràigh Mhòir airson èisteachd ris. Rinn iad teine mòr agus
thilg iad am Bodach ann.
Ach nuair a thill iad a dh’uamh a’ Bhodaich, far an robh an saighead a’ stobadh anns an talamh, cha do lorg iad aon saighead. Bha na ceudan saighdean ann
air feadh na beinne, agus cha robh sgeul air a’ chloich mhuilinn no air an uaimh. Agus cha do lorg iad an t-ionmhas.
Bhon uair sin chunnaic grunn luchd-coiseachd a’ chlach mhuilinn air a’ bheinn. Ach, nuair a thug iad muinntir an àite ann airson a faicinn, cha robh sgeul
oirre. Agus tha ceithir fichead bliadhna air a dhol seachad bhon turas mu dheireadh a chunnacas i. Ach, nuair a chluinnear tàirneanaich air a’ Mhòr-bheinn,
tuigidh sibh gur e sin guth a’ Bhodaich Dhuibh. Tha e a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ dol faisg air an ionmhas a bhuineas – chan ann dhaibhsan –
ach dha fhèin agus don bheinn.