FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bàrdachd Rob Dhuinn

Tha sinn air a bhith a’ toirt sùil bheag air

Audio is playing in pop-over.

Bàrdachd Rob Dhuinn

Tha sinn air a bhith a’ toirt sùil bheag air beatha is bàrdachd Rob Dhuinn anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh. Tha mi a’ dol a thoirt sin gu crìch an-diugh le bhith a’ toirt sùil bheag air dàn a sgrìobh e. Tha e mu dheidhinn, mar gum biodh, an sealladh eadar-dhealaichte aig na Gàidheil agus aig na Goill air dùthaich agus dòigh-beatha nan Gàidheal – gu sònraichte ann an Dùthaich MhicAoidh.

Tha Rob a’ samhlachadh nan Gàidheal mar Iseabail, nighean aig Iain MacEachainn ’ic Iain. Bha Rob a’ fuireach còmhla ri Iain anns an t-Srath Mhòr fad ùine mhòr. Bha e ag obair mar bhuachaille dha. Bha Rob is Iseabail a’ faighinn tlachd bhon àrainneachd aca. Air an taobh eile, a’ riochdachadh sealladh nan Gall, mar gum biodh, tha piuthar Iseabail – Màiri. Tha Màiri air a bhith san sgoil ann an Inbhir Theòrsa – baile an ìre mhath Gallta – agus tha droch bheachd air èirigh na cridhe air Dùthaich MhicAoidh:

Cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’, Bu mhist’ e e gu bràth,

Dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn, Mhill e mi ’s mo shlàint’,

Pàirt de m’ acainn bràigheach Mheirceinn, ’S àit gun mharcaid e,

Ach spàin is copraich ’s bà-theach fosgailt’ ’S gràinne shòp ri làr.

Tha i a-mach air Meirceann far nach robh marcaid – an coimeas ris na bailtean Gallta far an robh a leithid. Tha Meirceann air bruach Loch Hòb, gu tuath air Muiseal far an robh dachaigh Iain MhicEachainn ’ic Iain. Agus an do mhothaich sibh am facal bà-theach. Mar a sgrìobh Rob Donn e, tha e follaiseach cò às a thàinig am facal bàthaich – bho bà-theach no “cow house”.

Co-dhiù, tha Iseabail a’ freagairt casaidean Màiri, le bhith a’ dearbhadh cho brèagha ’s a tha an dùthaich dhi. Cuimhnichibh gun robh na bàird Ghàidhealach a’ sgrìobhadh ann an dòigh, dh’fhaodadh tu ràdh, romansach mun àrainneachd mus robh a leithid a’ tachairt ann an saoghal na Beurla:

Ciod am fàth mun tug thu fuath ’S ann do na bruachaibh àrd?

Nach fhaic thu fhèin nuair a thig an sprèidh Gur feumail iad len àl?

Cha chràdh cridh’ air làrach shuidhe Fuaim na lighe làin

Don ghnàth bhith cladhach ro a h-aghaidh Is feur an dèidh a’ fàs.

Tha Màiri ge-tà, a, leantainn, co-dhiù ann am mac-meanmna a’ bhàird, le a h-argamaid:

Na bha fìrinneach de d’ amhran Fhad ’s a bha ’n samhradh blàth, Rinn e tionndadh Oidhche Shamhna,

’S bheir an geamhradh ’shàr. Duille shuidhicht’ bàrr an fhiodha, Dh’fhàs i buidhe-bhàn,

’S tha beauty an t-Srath air call a dhath Le steall de chathadh-làir.

Ged nach robh Beurla aig Rob a-chaoidh, bhiodh e a’ stobadh a-steach fhaclan Beurla do a chuid bàrdachd aig amannan. ’S dòcha gun robh e a’ riochdachadh dòigh-labhairt nan uaislean a bha dhen bheachd gun robh e fasanta a bhith a’ cleachdadh fhaclan Beurla. Tha freagairt aig Iseabail do chasaidean Màiri. Ach cò bha a’ bruidhinn ann an dha-rìribh – Iseabail no Rob fhèin? Fàgaidh mi sibh leis an rainn seo air a bheil mi fhìn uabhasach measail. Tha e a’ riochdachadh gu soilleir bòidhchead an earraich air a’ Ghàidhealtachd:

Glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh Sin a chrann e ’n-dràst;

Beith is calltainn Latha Bealltainn Gealltanach air fàs.

Bidh gruth is crathadh air na srathaibh ’S teirgidh ’n cathadh-làir

Nach binn an sealladh, glinn a’ stealladh Laoigh is bainne ’s bàrr.

Litir 536 Litir 536 Litir 538 Litir 538

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!