Dè cho tric agus a chunnaic sibh gobhar ann an Alba? Chan eil mi a’ ciallachadh gobhar mòr geal air cùl feansa, ach an fheadhainn a tha a’ fuireach sa
mhonadh. Chunnaic mi fhìn a leithid grunn tursan, mar eisimpleir anns an Eilean Dubh, ann an Colbhasa, ann an Srath Spè agus – o chionn ghoirid – faisg
air Ceann Loch Iù ann an Siorrachd Rois.
Bha mi a’ coiseachd còmhla ri feadhainn eile eadar an Lochan Fada ann am Frìth Leitir Iù agus Loch Maruibhe. Bha sinn ann an gleann ris an canar Gleann
Bianasdail. Faisg air làimh tha meall air a bheil Meallan Ghobhar mar ainm. Chunnaic mi ceumannan tron fhraoch air taobh thall an uillt. Bha an talamh
gu math cas. Dè eile a dhèanadh slighean mar sin ach gobhair?
Bha mi a’ smaoineachadh gur ann air taobh thall an uillt a bhiodh na gobhair fhèin. Ach bha an cù agam air thoiseach orm, a’ ruith gu sunndach. Gu
h-obann, stad e. Bha e a’ coimhead air rudeigin. Bha amharas agam gur e gobhar a bh’ ann. Agus ’s e – boc mòr le adharcan mòra. Cha robh an cù ro
dheònach dhol faisg air. Is beag an t-iongnadh!
Bha mi a’ leughadh rudeigin annasach o chionn ghoirid mu ghobhair ann an Alba. Bha easbaig Èireannach air turas a dh’Alba ann an seachd ceud deug is
trì fichead. B’ esan Ridseard Pococke – easbaig Pròstanach agus mac aig clèireach Sasannach. Bha e air leabhar a sgrìobhadh mu thràth mun
Ear-mheadhanach, bha e air a bhith ann an Arcaibh bliadhnaichean roimhe agus a-nise bha e airson a dhol a choimhead air ceann a tuath tìr-mòr na
Gàidhealtachd.
Chaidh Pococke a thadhal air uaislean na sgìre agus sgrìobh e cunntas mu mhuinntir an àite. Mhol e na daoine. Bha iad tapaidh is beòthail, shaoil e.
Chaidh e air chuairt air a’ Pharbh agus ’s ann an sin a dh’ionnsaich e rud annasach mu ghobhair. Bidh gobhair a’ marbhadh is ag ithe nathraichean. Chan
fhaca mi fhìn a leithid idir, ach saoil a bheil e fìor?
Uill, chlàir Alasdair MacNeacail seanfhacal co-cheangailte ri sin: Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. Cleas
na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach.
Tha MacNeacail ag innse dhuinn gun robh na Gàidheil – ann an cuid de cheàrnaidhean co-dhiù – dhen bheachd gun itheadh gobhair nathraichean. Bhiodh
gobhar a’ stampadh air ceann na nathrach an toiseach. An uair sin bhiodh e ga h-ithe, earball an toiseach. Fhad ’s a bhios gobhar a’ dèanamh sin, bidh
e a’ dèanamh fuaim mar gu bheil e a’ talach, no a’ gearain.
Bha mi airson faighinn a-mach a bheil a leithid clàraichte ann an àiteachan eile. Mar sin, chaidh mi gu màthair-uisge an fhiosrachaidh – an t-eadar-lìon.
Seadh – tha fhios a’m – ’s e cleachdadh cunnartach a th’ ann.
Tha bhidiothan goirid mì-thlachdmhor air an eadar-lìon de nathraichean ag ithe ghobhar. Ach lorg mi aon chunntas de ghobhar a dh’ith nathair. Tha fear anns
na h-Innseachan air a bheil Mohammed Pasha. Bidh Mohammed a’ reic èisg. Bha gobhar aige ceangailte ri teadhair faisg air an àite far an robh e a’ reic an
èisg. Agus bha a ghobhar ag ithe an èisg! A-nise bidh e ag ithe còrr air còig cileagraman èisg gach latha! Aon turas dh’ith an gobhar nathair. Nam biodh
Mohammed còir eòlach air an t-seanfhacal Ghàidhlig, cha bhiodh iongnadh sam bith air!