FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Rob Donn (2)

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh nan craobh, Cò a

Audio is playing in pop-over.

Rob Donn (2)

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh nan craobh,

Cò a chì e nach mol e, Gleanna Gollaidh nan craobh.

Bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi air mearachd a dhèanamh agus gu bheil sinn a’ craobh-sgaoileadh a-rithist Litir na seachdain sa chaidh! Ach chan eil. Bha mi dìreach airson rud beag a bharrachd a ràdh mun dàn a sgrìobh am bàrd ainmeil à Dùthaich MhicAoidh – Rob Donn – mun ghleann faisg air àite a bhreith ann an Allt na Caillich. ’S e sin Gleanna Gollaidh far an robh coille bhrèagha a’ fàs.

Tha e coltach gun do sgrìobh Rob an dàn seo as dèidh dha a bhith air a ghluasad a-mach às an t-Strath Mhòr far an robh e a’ fuireach fad ùine mhòr. Cha robh an ceann-cinnidh toilichte leis air dà adhbhar. Bha an dà rud co-cheangailte ri beachdan poilitigeach a’ bhàird.

Rugadh Rob ann an seachd ceud deug is ceithir-deug (1714) agus bha e air tighinn gu ìre ro Bhliadhna a’ Phrionnsa. Bha cinn-chinnidh Clann ’ic Aoidh taiceil do na Hanobhèirianaich, ach bha Rob a’ taobhadh leis na Seumasaich, mar a bha mòran bhàrd eile. Seo rann a sgrìobh e:

Nis, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt, Riut tha dùil aig gach fine Chaidh a chothachadh crùin dhut ’S a leig an dùthaich na teine;

Tha iad mar nathraichean falaicht’ A chaill an earradh an-uiridh

Ach tha ’g ath-ghleusadh an gathan Gu èirigh latha do thighinn.

Tuigidh sibh nach biodh an t-uachdaran aige ro thoilichte leis! A bharrachd air sin, chuir Rob Donn gu làidir an aghaidh mar a bha na h-uachdarain a’ feuchainn ri stad a chur air an tuath bho bhith a’ sealg nam fiadh anns a’ mhonadh. Mar a tha iomadach Gàidheal eadhon an-diugh cha robh beachd na tuatha air poidseadh co-ionann ri beachd nan uaislean air poidseadh, co-dhiù tha sinn a-mach air fèidh no air bradain.

Ach ’s iad na h-uaislean a bha a’ cruthachadh an lagh. Seo pàirt de dhàn a sgrìobh Rob air sealg nam fiadh, agus e a’ labhairt, mar gum biodh, do a bhràthair, Dòmhnall – no Dòmhnallan Dubh:

Bha fuil am broilleach do lèine, ’S cha b’ e fuil na gaibhre cèire

Ach fuil an fhèidh a bha san dàmhair,

’S cha bu mhèirleach Dòmhnallan Dubh.

Cha b’ urrainn don bhàrd a bhith na bu shoilleire na sin! ’S cha bu mhèirleach Dòmhnallan Dubh...

Hogaidh hò, mo Dhòmhnallan Dubh,

Sealgair sìthne, Dòmhnallan Dubh,

’S fear neo-bhruidhneach, Dòmhnallan Dubh, ’S gheibh e an nì a chionn a bhith ruith.

Tha e coltach, air sàillibh a h-uile nì, gun tugadh air Rob Donn gluasad a-mach às an t-Srath Mhòr gu ruige àite air a’ chladach far nach b’ urrainn dha a bhith a’ sealg nam fiadh tuilleadh.

Thachair sin, ’s dòcha, faisg air deireadh nan caogadan anns an ochdamh linn deug. Tha feadhainn a’ dèanamh a-mach gur ann an uair sin a sgrìobh e Gleanna Gollaidh, a’ moladh a’ ghlinn sin far am b’ fheàrr leis a bhith a’ fuireach:

Ri faicinn crìoch àrdain

Ga mo bhreugadh gu taobh, ’S ann a smuainich mi fanadh

An Gleanna Gollaidh nan craobh

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh nan craobh,

Cò a chì e nach mol e, Gleanna Gollaidh nan craobh.

Litir 535 Litir 535 Litir 537 Litir 537

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!